Rugadh Iain Criathrar (John Crerar) ann an 1750 ann an Dùn Chaillinn, Siorrachd Pheairt. B' e fìdhlear a bh' ann an Iain, air a theagasg le Niall Gobha (Beurla: Niel Gow), agus sgrìobh e iomadh phort a tha air a' chluich fhathast san latha an-diugh. Ach cha b’ e ceòl an obair beatha aige. B' e geamair agus stalcair a bh' ann airson an ceathramh Moireach fad còrr is 50 bliadhna agus chaidh ainmeachadh ann an litreachais mar sàr eòlaiche na h-obrach aige. Chaochail Iain ann an 1840 aig aois 90 bliadhna agus tha an clach-cuinneachaidh aige ri fhaicinn fhathast sa chladh aig Eaglais Dubhailigh.

Iain Criathrar
Beatha
Breith Siorrachd Pheairt, 29 dhen Chèitean 1749
Dùthaich  Alba
Bàs Dùn Chailleann, 1 dhen Mhàrt 1840
Dreuchd
Dreuchd fìdhlear
Inneal-ciùil fìdheallan
fìdheall

‘S e “The Marquis of Tullibardine” ‘s dòcha am port as ainmeile a’ sgrìobh e.

Thathar an dùil gun do sgrìobh Iain na puirt a leanas agus tha a chuid as motha dhiubh seo rinn lorg ann an leabhraichean ciùil fìdhlearachd na h-Alba:

  • Banks of Garry, The
  • Beinn a' Ghlo Hunt, The
  • Big Boat of Inver, The
  • Bridge of Dunkeld, The
  • Bridge of Garry at Struan, The
  • Craig of Barn's
  • Duke of Atholl's Forest Lodge, Glen Tilt
  • Duke of Atholl's Forest, The
  • Earl Percy's Welcome to the Highlands of Scotland
  • General Lord Glenlyon's March
  • General Lord Glenlyon's Quickstep
  • Honble George Murray's Strathspey, The
  • James Lord Glenlyon's Wedding March
  • Lady Emily Percy's Welcome to Scotland
  • Lady John Scott to Binchat
  • Lord James Murray's Wedding Day
  • Lord John Scott Strathspey
  • Marquis of Tullibardine's Reel, The
  • Merry Lads of Inver, The
  • Miss Carlotte Murray's Reel
  • Miss Frances Murray's Reel
  • Miss Mackenzie of Delvine's Jig
  • Mr George Frederick Augustus John Murray's Strathspey
  • Quickstep for the Young Knight (Delvine)

Tha na h-ainmean àite sna puirt seo uile ann an Athall agus na daoine uile ceangailte ri Oighreachd Athaill ann an dòigh air choireigin.