'S e eilean ann an Arcaibh a tha ann an Iadaigh[1] (Lochlannais: Eid-øy[2], Beurla: Eday). Tha Iadaigh cho mòr ri 2,745 ha agus ann an 2011 bha 160 daoine a' fuireach air an eilean.[3]

Sealladh air Iadaigh bho Fharay

Cruth na tìre deasaich

Tha seann chlach-ghainmhich dearg cumanta ann an Iadaigh, ach mar is trice tha e còmhdaichte le mòine.[2] Ann an tuath an eilein tha torr bheanntan ann, leithid: Red Head (70m), a' bheinn as fhaide gu tuath, Vinquoy Hill (76m), Greenybrae Hill (56m), Stennie Hill (66m) agus Fersness Hill (89m) san iar-thuath. Mar is trice cleachdar na beanntan airson cùl-cinn nan caora.[2]

Tha dìreach an talamh aig ceann a deas an eilean torrach gu leòr airson àiteachais. 'S e Ward Hill (102m, 335 troigh) a' bheinn as àirde ann an Iadaigh. [4] Tha e suidhichte ann an deas an eilein.

Àireamh-shluaigh deasaich

 
Sealladh bho Vinquoy Hill

Tha an clàr a leanas a' sealltainn ciamar a dh'atharraich àireamh muinntir an eilein tro na linntean.[2]

Bliadhna Àireamh-shluaigh
1841 944
1881 730
1891 647
1931 430
1961 198
1981 147
1991 166
2001 121
2011 160

Iomraidhean deasaich

  1. Alba le Roy Pedersen
  2. 2.0 2.1 2.2 2.3 Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands. Dùn Èideann, Canongate, td 386-389; ISBN 9781847672773
  3. National Records of Scotland 2011 Census "Appendix 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands" (PDF). Air a tharraing 8 an Lùnastal 2015
  4. Hill Bagging (Beurla)

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: