B' e dùthaich ioma-nàiseanta anns an Roinn-Eòrpa a bha ann an Iùgoslaibhia neo An Iùgoslabh[1] (Aibidil Ròmanach: Jugoslavija, Aibidil Cirileach: Југославија) a mhair bho 1918 gu 1992. B' e Belgrade a bh'ann prìomh-bhaile na dùthcha.[2]

Iùgoslaibhia
Jugoslavija/Југославија
19181992
Bratach na dùthcha (1922-1941) Gearradh-arm (1918–1941)

Bratach na dùthcha (1945-1992) Gearradh-arm (1945-1963)
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1918
Bliadhna mu Dheireadh 1992
Prìomh-Bhaile Belgrade
Càna(i)n Oifigeil Sèirb-Chroatais
Farsaingeachd 108,333 km2
Àireamh-shluaigh 16,111,000 (1990)
Dlùths 148.72/km2

Eachdraidh deasaich

Chaidh Iùgoslaibhia a chruthachadh tron Chòrdadh Rapallo ann an 1918,[3] dìreach an dèidh a' Chogaidh Mhòir nuair a bhris Ostair-Ungaire a-mach às a chèile. B' e monarcachd[4] a bh' ann agus mhair an stàit seo gu ruige 1 an Giblean 1941 nuair a thug A' Ghearmailt, An Ungair agus An Eadailt ionnsaigh oirre.[5] An dèidh a' Chogaidh chaidh crìochan na stàite a leasachadh, a' gabhail a-steach Istria, Zadar agus Rijeka, a bhuineadh dhan Eadailt ron a' chogadh. Chuireadh às dhan Mhonarcachd ann an 1945[6] agus chaidh Poblachd Shòisealach a ghairm ann an 1946. Ann an 1963 chaidh structair feadarail a chur air bhog,[7] a' roinneadh na dùthcha ann an sia poblachdan fèin-riaghalaidh. Cha do ghabh Iùgoslaibhia ris a' cho-aonta Warszawa air sàilleabh gun leanadh i a slighe fhèin a dh'aindeoin 's gur e dùthaich Comannach a bh' innte.[8] Aig deireadh nan 80an thoisich pròiseas far a bhriseadh na stàite ann an dùthchannan na bu lugha air sàilleabh staing an eaconomaidh agus trioblaid eadar na nàiseanan nuair a chaidh Co-mhaoineas sìos an dèidh 1989.[9] Bha sreath dhe cogaidhean sìobhalta[10] fuilteach ann gus a chaidh Iùgoslaibhia a bhith mu dheireadh thall. Chuireadh ainmean gu Còrdadh na Sìthe ann an Dayton ann an 1995.[11] Tha fearann Iùgoslaibhia air a roinneadh eadar Bosna agus Hearsagobhana, Cosobho, Poblachd na Cròthaise, Masadoinia, Am Monadh Neagrach, Sloibhìnia agus An t-Sèirb.

Bailtean deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Timelines
  2. Deutschland Radio Kultur
  3. PRLIB
  4. AXL
  5. USHMM
  6. Université de Perpignan
  7. OECD
  8. Universidad Complutense de Madrid
  9. Zeitclicks
  10. Histoires pour tous
  11. UN