Hildburghausen
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Hildburghausen
Sgìre Thüringen
Co-chomharran 50° 25' 34' Tuath
10° 43' 44' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 72.94 km²
Àireamh-shluaigh 11,746 (2013)
Dlùths 161.04/km²
Àireamh fòn +49 (0)3685
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile meadhanach faisg air Coburg ann an cridhe na Gearmailte a th’ ann an Hildburghausen. Tha e suidhichte aig 381m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Werra am broinn na stàite Thüringen. Tha am baile 74km air falbh bho Weimar, 64km bho Erfurt, 114km bho Nürnberg agus 298km bho Bherlin.[1] Tha 11,746 duine a' fuireach ann.[2]

Eachdraidh deasaich

Chaidh Hildburghausen a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1234 mar Hilteburgehusin ann an t-seann Ghearmailtis agus mar Villa Hilperti ann an Laideann.[3] Chaidh eaglais a thogail ann an 1286, Talla a' Bhaile ann an 1314 agus fhuair e a chuid chòirichean a thaobh mhalairt agus chìsean ann an 1324.[4] Ràinig na ciad Iùdhaich ann an 1331. Chan e coimhearsnachd mhòr a bh' ann a-riamh agus aig a' char na bu mhò bha 130 nan tàmh sa bhaile san 19mh Linn ach dìreach 30 ann an 1933.[5] Thog fear air an robh Simon Levi Sionagog ann an 1811 ach thug na Nàsaich air na Iùdhaich ga reic. Thoisich An t-Ath-Leasachadh a-measg na coimhearsnachd Crìosdaidh ann an 1524 agus ghabh iad ris uile gu lèir ann an 1528. Thogadh sgoil ann an 1541.[6] Eadar 1618 agus 1648 thuit àireamh-sluaigh a' bhaile bho 2,500 gu dìreach 700 air sàilleabh gu robh am baile gu math bochd an dèidh Cogadh nan 30 Bliadhna, bha an t-eaconomaidh ann an droch staing, bha am baile air a mhilleadh, bha an t-acras ann agus, a bharrachd air sin, chaochail mòran leis a' phlaigh.[7] B' e prìomh-bhaile na Diùcachd Sagsainn-Hildburghausen a bh' ann bho 1680 gu ruige 1826, nuair a chaidh e a thoirt a-steach gu Sagsainn-Meiningen. Bha oifis na Biografisches Institut suidhichte an seo eadar 1828 agus 1874. Chaidh rèile a thogail ann an 1858 eadar Eisenach, Meiningen, Hildburghausen agus Coburg.[8] Chaidh am baile a thoirt a-steach gu Thüringen ann an 1920, an dèidh Ar-a-mach na Gearmailt. Bho 1934 agus 1940 bha 522 fireannaich agus 458 boireannaich air an seasgachadh an aghaidh an toil mar phàirt phrògram air a chur air dòigh leis na Nàsaich agus chaidh iomadh duine a bha san taigh-caothaich a mharbhadh mar phàirt phrògram Nàsach eile, air an robh Aktion T4.[9] Air 7 an Giblean 1945 chaidh an taigh-gruide a mhilleadh rè bomadaireachd agus chaidh an caisteal a leigeil na thobht.[10] Bha na bha air fhàgail dhen chaisteal a leagadh eadar 1949 agus 1950.

Bailtean Co-cheangailte deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Luft Linie
  2. Destatis
  3. Thüringen UniversalTeamplaid:Fix/category[dead link]
  4. Ummerstadt
  5. German Synagogues
  6. Thüringen Info
  7. Thüringen Info
  8. Dampflokwerk
  9. Bundesarchiv
  10. Hofbrau

Ceanglaichean a-mach deasaich