B' e Hendrik de Fromantiou (Maastricht, mu 1633Berlin, 28 an t-Ògmhios 1693) peantair ainmeil às Na Tìrean Ìsle.[1] Rugadh e anns Na Tìrean Ìsle ri linn Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte, nuair a bha an dùthaich uabhasach beairteach.

Hendrik de Fromantiou
Beatha
Breith Maastricht, 1633
Dùthaich  Na Tìrean Ìsle
Bàs Potsdam, 1693
Foghlam
Cànain Duitsis
Dreuchd
Dreuchd peantair
Àitichean-obrach Breda, Nijmegen, Den Haag, Amsterdam, Berlin, Amsterdam, Den Haag, Antwerpen, Rotterdam, Haarlem, Amsterdam, Lunnainn, Den Haag, Amsterdam, Gdańsk, Amsterdam agus Haarlem
Gnè ealain dealbh neo-bheò

Beatha deasaich

Sgrìobhadh ainm ann an caochladh dhòigh. Bha e an sàs san ealain bho mu 1658 gu ruige mu 1670 ann an Den Haag. Ann an 1662 chaidh e gu Amsterdam. Ann am Bliadhna na Dosgainne (Duitsis: Rampjaar) 1672 chaidh e gu Berlin, far an d’ fhuair e deagh chliù mar phrìomh-pheantair an Righ Friedrich Wilhelm I, Taghadair Bhrandenburg.

Dh'obraich e ann am Berlin gu ruige 1693. Mar phrìomh-pheantair b’ fheudar dha iomadach turas a dhèanamh agus mar fhear às na Tìrean Ìsle bha e ann an dàil le mòran dhaoine san dùthaich aige fhèin. Le sin, ann an 1672 shiubhal e gu Amsterdam, Den Haag, Antwerpen agus Rotterdam; ann an 1677 gu Haarlem agus (sa Chèitean dhen bhliadhna sin fhèin) gu Amsterdam a-rithist; ann an 1682 gu Lunnainn; ann an 1683 bha e air ais ann an Den Haag is Amsterdam; ann an 1684 chaidh e gu Gdańsk[2] is san An Dùbhlachd 1687 thill e gu Amsterdam. Air an 1 an t-Sultain bha e fiù 's an Haarlem. Chaochail e ann am Berlin ann an 1693.

Phòs e dà thuras: ri Ludowica Wouwerman, nighean a' pheantair Philips Wouwerman à Haarlem ann an 1697 agus an dàrna turas ri Johanna Blankert.[3] Tha Fromantiou ainmeil gus ar làithean airson na dealbhan neo-bheò a rinn e (blàthaichean, sitheann, measan agus vanitas). Ach rinn e dhealbhan dhe beathaichean agus trompe l'oeil cuideachd.[4] Tha deagh chruinneachaidh na rinne sna taighean-tasgaidh Noordbrabants Museum[5] an 's-Hertogenbosch agus am Bonnefantenmuseum[6] an Maastricht.

Iomraidhean deasaich

  1. BBC
  2. Bernheimer
  3. Hendrik de Fromantiou. Ann an: Ulrich Thieme, Felix Becker u. a.: Allgemeines Lexikon der Bildenden Künstler von der Antike bis zur Gegenwart. Band 12, E. A. Seemann, Leipzig 1916, S. 519.
  4. Art History
  5. Noordbrabants Museum
  6. Bonnefanten