Is e eileamaid cheimigeach a tha ann an helium,[2] no hilium[3] no heillium[4] le samhla He agus àireamh atamach 2.

Helium
Tiùb dì-neartachaidh de helium.
Clàr pillteach
H He
Li Be B C N O F Ne
Na Mg Al Si P S Cl Ar
K Ca Sc Ti V Cr Mn Fe Co Ni Cu Zn Ga Ge As Se Br Kr
Rb Sr Y Zr Nb Mo Tc Ru Rh Pd Ag Cd In Sn Sb Te I Xe
Cs Ba * Hf Ta W Re Os Ir Pt Au Hg Tl Pb Bi Po At Rn
Fr Ra ** Rf Db Sg Bh Hs Mt Ds Rg Cn Nh Fl Mc Lv Ts Og
* La Ce Pr Nd Pm Sm Eu Gd Tb Dy Ho Er Tm Yb Lu
** Ac Th Pa U Np Pu Am Cm Bk Cf Es Fm Md No Lr
Buadhan
Samhla He
Àireamh 2
Buidheann 18, gasan uasal
Ùine 1
Bloca s
Seòrsa Gasan uasal
Buadhan stuthach
Dath Gun dath
Teothachd leaghaidh 0.95 K ​(−272.20 °C, ​−457.96 °F) aig 2.5 MPa
Teothachd goilidh 4.222 K ​(−268.928 °C, ​−452.070 °F)
Buadhan atamach
Tomad atamach/Da 4.002602(2)[1]
Comh-dhealbhadh atamach 1s2
Cor ogsaideachaidh 0
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 2372.3
2mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 5250.5

'S e gas uasal a tha ann is cha urrainn do dh'ataman helium iom-obrachadh còmhla ri ataman eile. Tha dà iosatòpaichean seasmhach aig helium, 3He is 4He. 'S e an iosatòp as cumanta anns a' chruinne-cè a tha ann an 4He.

Helium

Fo 2.7 K a theothachd tha helium-4 a' toirt na os-lionn. Tha e a' sruth gun lùth-suathaidh agus 's urrainn dha a theàrnadh à soithichean. Tha a' theothachd os-lionn de helium-4 nas àirde na helium-3 air sgàth 's gur e boson a tha ann an ataman de helium-4. Feumaidh ataman de helium-3 paidhreachadh mus do ghiùlaineas iad mar bhosonan air sgàth 's gur e fermionan a tha annta.

Eachdraidh deasaich

Ann an 1868 lorg dà reul-eòlaiche, Jules Janssen anns a' Fhraing agus Norman Lockyer ann an Sàsainn, loidhne ùr anns an speactram na grèine rè dubhraidh na grèine. Rinn iad a' bheachd-bharail gun tàinig an loidhne à eileamaid ùr. Tha an t-ainm "helium" a' dol às a' Ghreugach ἥλιος, a tha a' ciallachadh "grian".[5]

Ann an 1895 lorg dà cheimigear Suaineach, Per Teodor Cleve agus Nils Abraham Langlet, helium fhèin ann an clach-uranium.

Ann an 1908 rinn Heike Kamerlingh Onnes helium lionnach.

Cleachdadh deasaich

Cleachdar helium ann an sganairean MRI agus ann am bailiùnaichean.

Iomraidhean deasaich

 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  1. Standard Atomic Weights”. Commission on Isotopic Abundances and Atomic Weights. Air a thogail 27mh dhen Chèitean 2017.
  2. helium”. An Seotal. Air a thogail 27mh dhen Chèitean 2017.
  3. Robertson, Boyd ⁊ MacDonald, Ian (2004): Gaelic Dictionary. Hodder Education. ISBN 978-0-340-75341-5. 
  4. Scannell, Kevin P. (2 Meitheamh 2016): “Foclóir Gàidhlig-Gaeilge”, td. 86.
  5. Cole, Rupert (19mh dhen Dàmhair 2018): “150 years since the discovery of Helium - Science Museum Blog”. Science Museum. Air a thogail 23mh dhen Dùbhlachd 2018.