Bad Colberg-Heldburg
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Hildburghausen
Sgìre Thüringen
Co-chomharran 50° 16' 50' Tuath
10° 43' 31' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 53.38 km²
Àireamh-shluaigh 2,070 (2013)
Dlùths 38.78/km²
Àireamh fòn +49 (0)36871
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile beag faisg air Hildburghausen agus Coburg ann an cridhe na Gearmailte a th’ ann am Bad Colberg-Heldburg. Tha e suidhichte aig 381m os cionn ìre na mara, 80km bho Erfurt, 89km bho Weimar, 88km bho Nürnberg agus 311km bho Bherlin.[1] Tha 2,070 duine a' fuireach ann.[2]

Eachdraidh deasaich

Chaidh Heldburg a chlàradh airson a' chiad turais air 18 an Dàmhair 837 ann an duilleag Nr.507 nan Codex Eberhardi.[3] B' e prìomh-bhaile na Diùcachd Sagsainn-Hildburghausen a bh' ann bho 1680 gu ruige 1684. Chaidh caisteal a chlàradh an seo ann an 1317, air a bheil Veste Heldburg,[4] a tha suidhichte os cionn a' bhaile shuas air creag a tha 403m a dh'àirde. Chaidh àrainneachd Frangach a thogail ann an 1560 nuair a bha na diùcan nan tàmh sa chaisteal. Chaidh e leasachadh le Georg II. anns an 19mh Linn gu bhith coltach ri Schloss Schwanstein ann am Bayern.[5] Bha e na taigh-cùraim cloinne eadar 1954 agus 1982. Ro 1989 chitheadh na crìochan eadar an DDR agus an còrr dhen Ghearmailt bhon chaisteal. Chaidh am baile a thoirt a-steach gu Thüringen ann an 1920, an dèidh Ar-a-mach na Gearmailt. Chaidh comhairle ionadail ùr a chruthachadh ann an 1993, a' gabhail a-steach Bad-Colberg, Einöd, Gerllerhausen, Heldburg, Holzhausen, Lindenau agus Völkershausen fo aon phrobhaist.[6]

Iomraidhean deasaich

  1. Luft Linie
  2. Destatis
  3. Köblergerhard
  4. Burgenstrasse
  5. Thüringer Schlösser
  6. Heldburger Unterland

Ceanglaichean a-mach deasaich