Geàrrloch

Geàrrloch, meadhan a' bhaile
Suidheachadh
Geàrrloch is located in Alba
Geàrrloch
Geàrrloch (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Co-chomharran 57° 43′ 40.8″ T
5° 41′ 27.6″ I
Comharradh-clèithe NG803769
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 740 (2011)
Àireamh fòn 01445
Còd-puist IV21

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Geàrrloch (Beurla: Gairloch).[1] Tha am baile suidhichte air bruach Loch Gheàrrlochair taobh an iar-thuath na h-Alba.

Tha roinn turasachd as t-samhradh gu math cudromach airson a’ bhaile. Tha raon-goilf, taigh-tasgaidh beag, taighean-òsta agus Ionad Choimhearsnachd ann. Tha an stèisean-rèile as faisge aige ann an Achadh na Sìne.

Tha Rèidio dà Locha, an stèisean rèidio as lugha ann an Alba, stèidhichte ann an Geàrrloch.

Chaidh am bàrd Uilleam Ros a thìodhlacadh ann an Geàrrloch. B' e am "Bàrd Gheàrrloch" am far-ainm a bha air. Rugadh e anns an Eilean Sgitheanach ach bhuineadh teaghlach a mhàthar do Sgìre Gheàrrloch. Ghluais an teaghlach aige gu Geàrrloch far an robh e na mhaighstir-sgoile. Bha e ainmeil airson nan òran aige, gu h-àraid bàrdachd romansach.

Iomraidhean deasaich

  1. Geàrrloch/Gairloch”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.

Ceanglaichean a-mach deasaich