Günzburg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Landkreis Günzburg
Sgìre A' Bhaidhearn
Co-chomharran 48° 27 16' Tuath
10° 16 53' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 55.41 km²
Àireamh-shluaigh 20,958 (2020)
Dlùths 378.23/km²
Àireamh fòn +49 08221
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile meadhannach eadar Lauingen agus Ulm, ann an ceann a deas na Gearmailt a th' ann an Günzburg (Spàinntis: Gunzburgo). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Danube, aig 465m os cionn ìre na mara, anns an sgìre Günzburg fhèin, san stàit (Gearmailtis: Land) A' Bhaidhearn. Tha 20,958 duine a' fuireach ann.[1]

Eachdraidh deasaich

'S ann à Gontia, ban-dia Cheilteach, s' a tha ainm a' bhaile. B' e an treubh Ghearmailteach Alemanni a ghabh os làimh na sgìre san 6mh Linn. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1065 mar Gunceburch.[2] Aig deireadh na 15mh Linn chuireadh a' choimhearsnachd Iùdhach às Ulm agus ghluais a' mhòr-chuid dhuibh gu Günzburg. Bha mu 5,000 croitear casgairte ann an 1525 faisg air Günzburg aig àm Cogadh nan Croitear Gearmailteach (Gearmailtis: Deutscher Bauernkrieg).[3] Thug Chogadh nan 30 Bliadhna buaidh uabhasach làidir air Günzburg, ach chaill a' mhòr-chuid am beatha. Thug feachdan na Frainge ionnsaigh air Arm na h-Ostaire an seo air 9 an Dàmhair 1805: ghèill mu 1,000 saighdear Ostaireach. Mar phàirt Còrdadh an Sìthe Phressburg, ghabh Rìoghachd Bayern os làimh a' bhaile ann an 1806. B' ann anns an sgìre seo 's a leasaicheadh am Messerschmitt Me 262, eadar 1941 agus 1942.[4] Thug plèanaichean cogaidh ionnsaigh air a' bhaile sa Ghiblean 1945: rinneadh droch sgrios agus milleadh air an t-stèisean rèile agus an caisteal.

Daoine ainmeil deasaich

Bailtean co-cheangailte deasaich

Ceanglaichean a-mach deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Statistisches Bundesamt
  2. Wüst, Wolfgang: Günzburg. Historischer Atlas von Bayern, Teil Schwaben, Reihe I, Bd. 13, München, 1983, ISBN 3-7696-9933-5.
  3. Franklin Kopitzsch & Rainer Wohlfeil: Geschichte und Gesellschaft. Sonderheft, Vol. 1, Der Deutsche Bauernkrieg 15241526 (1975), Vandenhoeck & Ruprecht GmbH.
  4. Alexander Kartschall: Messerschmitt Me 262 – Geheime Produktionsstätten, 1. Auflage, Paul Pietsch Verlage, Stuttgart, 2020, ISBN 978-3-613-04258-2
  5. Levy, Alan (2006), Nazi Hunter: The Wiesenthal File, Lunnainn, Constable & Robinson.