'S e cànanaiche a bha ann am Gòrdon MacGilleFhinnein (Beurla: Gordon Wallace MacLennan). Rugadh e ann an 1931 agus chaochail e ann an 1992.[1] B' e an Dotair MacGilleFhinnein a' chiad chathraiche os cionn Roinn na Ceiltis ann an Ottawa a chaidh a stèidheachadh ann an 1972 agus bha ùidh shònraichte aige ann an Gaeilge, Gàidhlig is beul-aithris an dà chànain.[1]

Gòrdon MacGilleFhinnein
Beatha
Breith 1931
Bàs 1992
Foghlam
Cànain Beurla
Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd cànanaiche
Fastaichean Oilthigh Ottawa
Oilthigh Dhùn Èideann

Tha e aithnichte gu h-àraidh ri linn dà leabhair a dh'fhoillsich e, Gàidhlig Uidhist a Deas[2] agus Seanchas Annie Bhán, sgeulaiche à Dùn nan Gall ann an Èirinn agus bha e 'na dheasaich os cionn Proceedings of the First North American Congress of Celtic Studies cuideachd.[1]

Bha e cuideachd an sàs Suirbhidh Chànanach na h-Alba ann an Dùn Èideann.[3]

Tùsan deasaich

  1. 1.0 1.1 1.2 https://web.archive.org/web/20111009150914/http://www.modernlanguages.uottawa.ca/celtic.html Oilthigh Ottawa
  2. MacGill-Fhinnein, G. Gàidhlig Uidhist a Deas (1966) Institiúid Árd-Léinn Bhaile Átha Cliath
  3. http://www.tobarandualchais.co.uk/person/6567?l=gd Tobar an Dualchais


Luchd-cànanachais na Gàidhlig
 
Tim ArmstrongMichael BauerCarl BorgstrømAnndra Mac a' CheàrnaighRichard CoxHenry DieckhoffNancy Dorian
Seumas GranndNils HolmerWill LambCoinneach MacFhionghuinAlasdair MacGilleBhàinGòrdon MacGilleFhinnein
Magne OftedalRoibeard Ó MaolalaighMáirtín Ó MurchúTomás Ó RathaileElmar TernesRoy Wentworth