Francisco Franco
B' e Deachdaire[1] na Spàinne bho 1936 gu 1975 a bh' ann am Francisco Franco y Bahamonde (Ferrol, 4 an Dùbhlachd 1892 – Madrid, 20 an t-Samhain 1975).[2] Bha e os cionn na dùthcha bho 1939 gus a chaochail e ann an 1975. Dh’èirich e, còmhla ri oifigearan eile, an aghaidh riaghaltas laghail Dàrna Poblachd na Spàinne ann an 1936[3] agus fhuair e taic bhon Fhaisisteachas air feadh na Roinn Eòrpa: Chuir na Nàsaich anns a' Ghearmailt an reiseimeaid Chòndor agus stuth armachd ùr chun na Spàinne, a bharrachd air cuideachaidh a fhuaras bho na Faisitich thall san Eadailt, ri linn Cogadh Sìobhalta na Spàinne.
Òigridh deasaich
Rugadh Franco ann am Ferrol (san Roinn Coruña) port uamhasach cudromach do Chabhlach na Spàinne, ged a bhuineadh na daoine aige do dh’ Andalusia, san cheann a deas bho thùs. 'S e oifigearan a’ Chabhlaich a bh’ ann am muinntir Fhranco agus bha Franco fhèin ag iarraidh a dhol dhan Acadamh a’ Chabhlaich,[4] ach bha e air a dhùineadh bho 1906 gu ruige 1913. Theab anarcach à Alba, air an robh Stuart Christie ga mharbhadh ann an 1964.
Aistidhean Co-Cheangailte deasaich
Iomraidhean deasaich
- ↑ Enciclopedia de Catalunya
- ↑ Beevor, Anthony. The Spanish Civil War. London: Penguin, 1982. p 49
- ↑ Sabín, José Manuel; Hernández Sandoica, Elena. La dictadura franquista (1936-1975): textos y documentos. Ediciones AKAL, 1997, p.13. ISBN 84-460-0803-3
- ↑ University of Princeton