B' e peantair à Alba agus fear de na Dathaichean Albannach a bha ann am Francis Cadell. Rugadh is thogadh e ann an Dùn Èideann. Dh'ionnsaich e ealain ann am Paris agus ann am Munich. Bha a' chiad thaisbeanadh ann an Dùn Èideann ann an 1908. Aig àm a' chiad chogaidh shabaid e anns an Fhraing far an do dhealbh e beatha anns an arm agus anns a' chabhlaich. An dèidh a' chogaidh pheant e dealbhan neo-bheò. Thadhal is pheant e ann an Ì Chaluim Chille a h-uile bliadhna, uaireannan còmhla ri Samuel Peploe.[1] B' àbhaist dha chèilidh air an Taigh Shambellie anns An Abaid Ùr (Siorrachd Chille Chùithbeirt), a bha leis a chuid chairdean na Stiùbhartaich.[2]

Francis Cadell
Beatha
Breith Dùn Èideann, 12 dhen Ghiblean 1883
Dùthaich  Alba
Àite-fuirich Dùn Èideann
Bàs Dùn Èideann, 6 dhen Dùbhlachd 1937
Teaghlach
Athair Francis Cadell
Màthair Mary Hamilton Boileau
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Acadamh Dhùn Èideann
Acadamh Julian
Colaiste Ealain Dhùn Èideann
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd peantair
Àitichean-obrach Dùn Èideann
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm Bhreatainn
Strì An Cogadh Mòr

B' e Jean Cadell, a bha na cleasaiche ann am filmichean, piuthar dha.[3]

Iomraidhean deasaich

 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  1. F.C.B Cadell”. Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 11mh dhen Iuchar 2020.
  2. Francis Campbell Boileau Cadell”. Kirkcudbright Galleries. Air a thogail 18mh dhen Dàmhair 2020.
  3. Lost work by Scottish colourist Cadell found on back of painting”, BBC News. 27mh dhen Fhaoilleach 2015. Air a thogail 23mh dhen Ghiblean 2021.