Is e baile croitearachd anns an Eilean Sgitheanach a th' ann am Flòdaigearraidh (Beurla: Flodigarry). Tha e suidhichte faisg air an rathad A 855 eadar Stafainn is an Ùig aig cois a' Chuith-raing ann an Trondairnis. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 39′ 45.54″ Tuath agus 6° 15′ 30.67″ Iar.

Clach-chuimhneachan a tha a' sealltainn ainmean muinntir Fhlòdaigearraidh a fhuair croitean ann an 1909
Eilean Fhlòdaigearraidh, tha Eileanan na Èireann air an làimh chlì

Tha Eilean Fhlòdaigearraidh suidhichte mu leth mhìle air falbh bho chosta a’ bhaile. San àird an ear-thuath tha eilean beag fada eile ann ris an canar Sgeir na Èireann.

Chaidh Flòdaigearraidh a chur air bhonn ann an 1909, an-diugh tha gu bhith 40 taigh ann. Faisg air a’ bhaile tha taigh-òsta ann far a bheil croit anns an robh Fionnghal NicDhòmhnaill a’ fuireach leis an duine aice. [1]

Iomraidhean deasaich

  1. Flora MacDonald

Ceanglaichean a-mach deasaich