Feamainn chìrean
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Protista
Clas Phaeophyta
Òrdugh Fucales
Teaghlach Fucaceae
Gèineas Pelvetia
Spèiseas P. canaliculata
Ainm saidheansail
Pelvetia canaliculata Decne. & Thur.
Ainmean eile
Fucus canaliculatus (Linnaeus)

'S e an fheamainn chìrean no an fheamainn chìreanach (fucus canaliculatus [1] neo Pelvetia canaliculata [2]) tè a b' fhaisge do thìr. 'S e feamainn ghoirid, dhosach mhìn mheanbh a th' innte.


Feumalachd - biadh a' chruidh deasaich

'S ann a bhathas a' buain na feamainn seo dha na beathaichean, dhan a' chrodh, agus a' dèanamh slaopadh oirre. Bhathas ga cur ann an soitheach domhainn agus a' dòrtadh bùrn goileach oirre agus a' cur rud air a h-uachdar.

Iomraidhean deasaich

  1. Am Faclair Beag
  2. algaebase.org