'S e eilean beag faisg air Ratharsair a th' ann an Eilean Taighe. 'S e eilean tràghaidh a th' ann. Ma bhios a' mhuir air falbh tha an t-eilean ceangailte do cheann a tuath Ratharsair le slighe creagach a leanas thairis air Caol Eilean Tigh.[1] Bhon an seo tha cas-cheum ann a leanas chun an rathaid aig Àrnais, rathad a chaidh a thogail le Calum MacLeòid.

Cabhsair eadar Ratharsair is Eilean Taighe

Co-chomharran: 57°30′40″N 6°00′10″W / 57.511111°N 6.002778°W / 57.511111; -6.002778

Suidheachadh
Suidheachadh
Eilean Taighe
Suidheachadh Eilean Taighe faisg air Ratharsair

Tha Eilean Taighe cho mòr ri 54 heactair (130 acair).[2] 'S e Meall Mòr (111 m) a' bheinn as àirde air an eilean agus tha an costa aige làn chreagan. Canar Rubha nan Sgarbh ris an rubha aig ceann a tuath an eilein agus Rubha na Cloich' Uaine ris an fhear a tha san ear-thuath dheth.

B' àbhaist daoine a bhith a' fuireach ann ach chan eil an-diugh. Tha tobhtaichean nan togalaichean fhathast rim faicinn aig ceann a deas an eilein.

Tha Rònaigh mu 1 km (1/2 mi) san àirde an ear-thuath Eilean Taighe. Eadar an dà eilean tha Caolas Rònaigh ann le Eilean an Fhraoich anns a' mheadhan. Tha Garbh Eilean agus Eilean Seamraig suidhichte anns a' chaolas cuideachd ach tha iad nas fhaisge air Rònaigh.

Iomraidhean deasaich

  1. Haswell-Smith, Hamish (2004). The Scottish Islands. Edinburgh: Canongate. td. 166. ISBN 978-1-84195-454-7.
  2. Rick Livingstone’s Tables of the Islands of Scotland (pdf) Argyll Yacht Charters. Leughte 16.10.2014.

Ceanglaichean a-mach deasaich

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG603538
 
Sealladh air Eilean Taighe bho Ratharsair