Eaglais na h-Alba
Seòrsa Chlèireil
Sgìre Alba
Stèidheachadh 1560
Stèidheadair Iain Knox
Coithionalan 1,353

’S e Eaglais na h-Alba (Beurla: Church of Scotland, Beurla Ghallda: Scots Kirk), a’ phrìomh eaglais phròsdanach ann an Albainn, agus tha a freumhan a’ dol air ais gu àm an Ath-Leasachachaidh ann an 1560. Ged a bha iomadh dealradh agus ath-aonadh san eaglais bhon uair sin, tha i fhathast ceangailte gu ìre ris an stàit (ged nach eil cho dlùth idir ’s a tha Eaglais Shasainn), agus canar an Eaglais Stéidhte rithe.

Eaglaisean ann an Albainn bho àm an Ath-Leasachaidh

Thòisich na Duilleagan Gàidhlig, foirlionadh air iris na h-Eaglaise Life and Work, ann an 1880, agus bho nach do sguir i bhon uair sin, is i an iris Ghàidhlig is fhaide beò riamh.

Ceanglaichean a-mach deasaich