Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir

bàrd Gàidhlig

B' e bàrd Gàidhlig a bh' ann an Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (1724–1812), agus e air a mheas mar fhear de na bàird Ghàidhlig as ainmeile agus as cudromaiche san 18mh linn.

Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir
Beatha
Breith 20 dhen Mhàrt 1724
Dùthaich  Alba
 Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann
Rìoghachd na Breatainne Mòire  1 dhen Fhaoilleach 1801)
Bàs Dùn Èideann, 14 dhen Chèitean 1812
Àite-adhlacaidh Cill nam Manadh Liatha
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd bàrd agus sgrìobhadair
Gnè ealain bàrdachd

Sgeul-beatha deasaich

 
Cuimhneachan do Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, Druim Liaghairt, faisg air Inbhir Dhobhrain

Rugadh Donnchadh Bàn ann an Druim Liaghairt, an cois Loch Toilbhe, ann an Gleann Urchaidh, Earra-Ghàidheal. Bha e na fhòrsair agus na gheamair anns an sgìre sin airson iomadach bliadhna agus 's ann airson nan dàn ainmeil nàdair a rinn e mu na beanntan agus na glinn mun cuairt oirre a tha a' mhòr-chuid eòlach air ainm. Nam measg seo tha 'Òran Coire a' Cheathaich', 'Cead Deireannach nam Beann' agus 'Moladh Beinn Dòbhrain'.

Bha Donnchadh cuideachd a' tighinn beò mar shaighdear aig diofar amannan. Tha iomradh na bhàrdachd mu bhith a' sàbaid an arm an riaghaltais aig Blàr na h-Eaglaise Brice ann an 1746. Bha e greis ann am Freiceadan Bhràghaid Albann agus bha e ann an Geàrd Bhaile Dhùn Èideann on bhliadhna 1767 a-mach.

Cuimhneachain deasaich

 
Carragh cuimhne do Dhonnchadh Bàn ann an Eaglais nam Manach Liath

Tha carragh-cuimhne mòr do Dhonnchadh Bàn ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann. Chaidh seo a ghlanadh agus seirbhis a chumail le buidhinn-choimhearsnachd Ghàidhlig a' Bhaile, Bothan ann an 2005. Tha carragh-cuimhne eile ann dha mu dheas air Dàil Mhàillidh ann an Earra-Ghàidheal.

Tha iomairt ùr airson cuimhneachan a cur ann am Makars' Court ann an Dùn Èideann.[1]

Bàrdachd deasaich

Ged nach robh leughadh no sgrìobhadh aig Donnchadh bha e mion-eòlach air a' bhàrdachd Ghàidhlig a bh' air teanga tòrr den t-sluagh aig an àm. Choisinn e cliù bhuan do chuid bhàrdachd fhèin nuair a dh'fhoillsich e i anns a' bhliadhna 1768. Bha cuideachadh aige bho ghrunnd charaidean ann a bhith a' coilionadh na h-obrach seo, nam measg An t-Ollamh Dòmhnall MacNeacail, Lios Mòr.

 
Beinn Dòbhrain

A bharrachd air òrain agus dàn mu nàdar, bhiodh Donnchadh cuideachd a' dèanamh òrain-gaoil agus tha aon fhear aca seo fhathast gu sònraichte ainmeil an-diugh; 'Òran da Chèile Nuadh-phòsta' no 'a Mhàiri Bhàn Òg'. Tha stòiridh ann am beul-aithris mu fhear a thuirt ri Màiri, 's i na seann aois, nach aithnicheadh e idir i bhon òran. Fhreagair Donnchadh gun aithnicheadh e anns a' bhad i nan robh e ga faicinn tro shùilean fhèin.

Nàdar agus àitichean deasaich

Moladh agus Cumha deasaich

  • Cumha Chailein Ghlinn Iubhair
  • Òran do Iain Caimbeul a' Bhanca

Gaol deasaich

  • Òran da Chèile Nuadh-phòsta
  • A Mhàiri Bhàn Òg

Tha òrain Dhonnchaidh rin lorg ann an 'The Songs of Duncan Bàn MacIntyre', deasaichte le Aonghas MacLeòid (Dùn Èideann, 1952).

Iomraidhean deasaich

  1. Donnchadh Bàn gus àite fhaighinn ann am Makars' Court”, Naidheachdan a' BhBC. 14mh dhen Ghearran 2024. Air a thogail 19mh dhen Ghearran 2024. 

Ceanglaichean a-mach deasaich