B’ e dùthaich bheag ann an cridhe na Gearmailt a mhair bho 1826 gu ruige 1918 a bh’ anns an Diùcachd Sagsainn-Coburg agus Gotha (Gearmailtis: Herzogtum Sachsen-Coburg und Gotha).[1] B’ e Coburg a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha. Chaidh an Diùcachd a chruthachadh ann an 1826 tro Chòrdadh Hildburghausen, a dh'atharraich nan diùcachdan ann an Sagsainn an dèidh bàs Friedrich IV à Saxe-Gotha-Altenburg gun chlann.[2] Thug Ar-a-mach na Gearmailt[3] buaidh mhòr air Sagsainn-Coburg agus Gotha agus leig an diùc Carl Eduard dheth an crùn, a' sgaradh na diùcachd ann an dà leth: Chaidh Coburg a thoirt a-steach gu Bayern agus Gotha gu Thüringen.

Diùcachd Sagsainn-Coburg agus Gotha
Herzogtum Sachsen-Coburg und Gotha
18261918
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1826
Bliadhna mu Dheireadh 1918
Prìomh-Bhaile Coburg
Càna(i)n Oifigeil Gearmailtis
Farsaingeachd 1,977 km2
Àireamh-shluaigh 242,000 (1905)
Dlùths 122.41/km2

Ceannardan na Stàite deasaich

  • Ernst I. 1826 - 1844
  • Ernst II. 1844 - 1893
  • Alfred 1893 - 1900
  • Prionnsa Ernst II. zu Hohenlohe-Langenburg, na 1900 - 1905
  • Carl Eduard 1905 - 1918

Iomraidhean deasaich

  1. Almanach de Gotha
  2. Herntrich T, Thüringen: von den thüringischen Kleinstaaten nach Zerfall des Alten Reiches bis zum Freistaat Thüringen, Frankfurt 2010, ISBN-978-3-631-61024-4
  3. Lucha de Clases