Deva
Déva
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Hunedoara
Co-chomharran 45° 52 41' Tuath
22° 54 52' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 103.65 km²
Àireamh-shluaigh 61,123 (2011)
Dlùths 589.71/km²
Àireamh fòn +40 02 54
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile meadhannach eadar Lugoj agus Sibiu, air an àirde an iar Romàinia a th' ann an Deva (IPA: ˈdeva, Ungairis: Déva, IPA: ˈdeːvɒ, Gearmailtis: Diemrich/Schlossberg/Denburg, Turcais: Devevar). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Mureş, aig 187m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Hunedoara. Tha 61,123 duine a' fuireach ann.[1]

Eachdraidh deasaich

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1269, ann an sgrìobhainn Ungairianach mun chaisteal. Buinneadh Deva dhan Phrionnsalachd Transsilvania bho 1570 gu ruige 1660.[2] Rinn feachdan Impireachd nan Otomanach fìor dhroch sgrios air ann an 1550. Thàinig 51 teaghlaichean dhe fògarraich Caitligeach à Bulgàiria ann an 1711, leis gun do dh'fhàilnig ar-a-mach an aghaidh nan Otomanach. Chanadh Greci (Gàidhlig: Greugaich) riutha san sgìre. Nuair a bhuail a' phlàigh air a' bhaile ann an 1738 bha na Greugaich seo air an coslachadh mar-thà. Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1922 nuair a ghabh Romàinia os làimh e. Bha coimhearsnachd Iùdhach a' bhaile uabhasach fhèin làidir ron Dàrna Chogadh. Thàinig iad dhan bhaile ann an 1830. Anns a' chiad leth den 20mh Linn bha clò-bhualadair, pàipear-naidheachd agus dà shionagog ann. Thug an t-Uile-losgadh buaidh uabhasach fhèin làidir orrasa.

Daoine ainmeil deasaich

Bailtean co-cheangailte deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Institutul Național de Statistică.
  2. Gerald Volkmer, Das Fürstentum Siebenbürgen (1541-1691). Außenpolitik und völkerrechtliche Stellung, Arbeitskreis für Siebenbürgische Landeskunde Heidelberg, 2002.