Dùnrath

Na goireasan niùclasach aig Dùnrath
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Siorrachd Gallaibh
Parraist Meadhrath
Co-chomharran 58° 34′ 46″ T
3° 44′ 47″ I
Comharradh-clèithe NC985670
Feartan fiosaigeach

'S e baile air costa a tuath Gallaibh ann an Roinn na Gàidhealtachd a tha ann an Dùnrath[1] (Beurla Dounreay). Bha caisteal ann tràth, mar a tha an t-ainm “dùn rath” ag innse, a bha aig William Sinclair à Dùn Bheathadh ann an 1614 agus àitichte gu ruige 1863, ach chan eil ann ach tobhta a-nis.[2]

Eadar 1942 is 1944 chaidh raon-adhair a thogail[3] is bho na 1950an tha dà ionad niùclasach air a bhith air làrach an raon-adhair, airson feuchainn ri fast breeder reactor beag, seòrsa stéisean cumhachd, a leasachadh ’s a thoirt gu buil, agus airson deuchainnean a dhèanamh air readhactaran airson bàtaichean-tumaidh. Tha a’ mhórchuid de na goireasan seo a-nis dùinte agus gan toirt às a chéile beag air bheag.[4]

Ceanglaichean a-mach deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Dounreay/Dùnrath”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 5mh dhen Fhaoilleach 2019.
  2. Dounreay Castle”. Canmore, Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 5mh dhen Fhaoilleach 2019.
  3. Dounreay Airfield”. Canmore, Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 5mh dhen Fhaoilleach 2019.
  4. Dounreay, Nuclear Research Facility”. Canmore, Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 5mh dhen Fhaoilleach 2019.