Dùn Gasbaith

Suidheachadh
Dùn Gasbaith is located in Alba
Dùn Gasbaith
Dùn Gasbaith (Alba)
Dùthaich Alba
Co-chomharran 58° 38′ 38.54″ T
3° 1′ 30.43″ I
Comharradh-clèithe ND404733
Feartan fiosaigeach

'S e an rubha as àirde an ear-thuath na h-Alba a tha ann an Dùn Gasbaith[1], Ceann Dhunngain[2], Ceann Donnchadh[3] neo Rubha Duncansby[4] (Beurla: Duncansby Head). Tha e faisg air Taigh Iain Ghròt, Gallaibh. Tha Inbhir Ùige mu 23.7km sa deas agus Inbhir Theòrsa mu 28.0 km san iar.

Tha taigh-solais air an rubha, ris an canar Duncansby Head Lighthouse sa Bheurla. Chaidh a thogail le David Alan Stevenson ann an 1924.[5]

Tha an t-àite clàraichte anns an Orkneyinga Saga (900–1200) mar "Dungalsbœr" a tha a' ciallachadh "Tuathanas Dhungail".[2] 'S e ainm pearsanta Ceilteach a th' ann an "Dungal".

Iomraidhean deasaich

  1. Iain Mac an Tailleir
  2. 2.0 2.1 MacIlleathain, Ruairidh: “A’ Ghàidhlig is Lochlannais air Aghaidh na Tìre; Ainmean-àite ann an Gallaibh, Cataibh is Dùthaich MhicAoidh(Gàidhlig is Beurla), td. 8. NàdarAlba. Air a thogail 2017-2-29.
  3. Alba le Roy Pedersen
  4. Duncansby Head/Rubha Duncansby”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 2017-30.
  5. Duncansby Head Lighthouse(Beurla). The Museum of Scottish Lighthouses. Air a thogail 30mh dhen Fhaoilleach 2017.