Ma tha dà chànan rin cluinntinn ann an coimhearsnachd, sgìre no dùthaich, bruidhnear air dà-theangachas. A-rèir Joshua Fishman tha dùthaich no coimhearsnachd dà-theangach, ma tha dà chànan gam bruidhinn ann an diofar roinnean, m.e. Beurla anns an roinn phoblach (riaghaltas, oileas, sgoil) agus Gàidhlig anns an roinn phrìomhaideach. Tha suidheachadh dà-theangach nas cumanta anns an t-saoghal na tha suidheachadh dà-chànanach. Chan eil na cànanan co-ionnan a thaobh inbhe agus mar as àbhaist tha aon chànan àrd (mar as àbhaist mòr-chànan) agus aon chànan ìosal (mion-chànan). Thathar a' roinn dà-theangachas ann an dà-theangachas sealach agus dà-theangachas seasmhach.

Tha dà-theangachas sealach nas cumanta, gu h-àraidh far a bheil mion-chànanan an sàs. Tha seo ri fhaicinn nuair a tha atharrachadh-cànain a’ tachairt, gu h-àraidh nuair a tha am pròiseas aig toiseach gnothaich. Tha dà-theangachas a’ nochdadh mar cheum bho aon-chànanas anns an t-seann chànan gu aon-chànanas anns a’ chànan ùr.

Tha dà-theangachas seasmhach ri fhaicinn ann an grunn dhùthchannan, ach chan eil e ro chumanta. Eisimpleirean: an Eilbheis (Schwyzerdütsch, Hochdeutsch), na dùthchannan Arabach (Arabais na dùthcha, Arabais Chlasaigeach). [1]

Tùsan deasaich

  1. David Crystal (1987). The Cambridge Encyclopedia of Language. Cambridge, Cambridge University Press, td. 43