Copacabana
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Sgìre Valle de Aburrá (A' Ghleann Aburrá)
Àirde 1454m
Co-chomharran 6° 20' Tuath
75° 30' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 70 km²
Àireamh-shluaigh 61,421 (2005)
Dlùths 877.44/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Copacabana

' S e baile-mòr anns A' Ghleann Aburrá a tha ann an Copacabana. Tha e faisg air Medellín ann an Antioquia,[1] Coloimbia. Tha Copacabana na phàirt dhen Ceàrn Cathaireil a' Mhedellín. 'S e Copacabana an 72mh baile as motha na dùthcha.[2] Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1615.

Freumhan an Ainm deasaich

Thathar ag ràdh gur ann à Cawana, Ban-dia nan Aymara, a thàinig an t-ainm Copacabana, leis gu bheil e sgaoilte air feadh Aimearaga a Deas.[3] Ach tha feadhainn eile a' cumail gur e facal Quechua a'th'ann, bho Coppa (Gorm) neo Copa (Solleir) agus Kahuana (Sealladh).[4]

Sluagh a' bhaile deasaich

Tha 61,234 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 8,405 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Copacabana, ach tha 0.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 92.4% dhe na daoine ann an Copacabana leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 94.6% dhe na dachannan.[7]

Fèisean deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Copacabana. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean deasaich

  1. Mapa oifigeil na roinneTeamplaid:Fix/category[dead link]
  2. Bailtean as motha na dùthcha
  3. La PrensaTeamplaid:Fix/category[dead link]
  4. Enciclopedia de AntioquiaTeamplaid:Fix/category[dead link]
  5. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  6. Colombia Virtual
  7. Bileag fhiosrachaidh DANE
  8. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: