Contae Liatroma
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Chonnacht
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,525 km²
Àireamh-shluaigh 31,798 ()
Dlùths 20.85/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Liatroma[1] (tuiseal ainmneach: Liatroim,[2] Laideann: Comitatus Letrimensis). Tha e suidhichte air an àirde an iar-thuath na dùthcha, ann an Còigeamh Chonnacht. Tha 31,798 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,525km²,[3] an 25mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 26mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Liatroma le Muineachán, Sligeach, An Longfort, Fear Manach, Dún na nGall agus Ros Comáin.[4] Bha 155,297 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Trosc Mór (675m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6]

Sgìrean Ionadail deasaich

Tha còig baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Liatroma: Carraig Álainn, Droim Dhá Thiar, Maothail, Ros Clochair, agus Liatroim fhèin. A bharrachd air sin, tha 17 parraistean[7] (ann an dà sgìreachd-easpaig: Ardach agus Cill Mhór)[8] agus 2,060 bailtean fearainn sa chontae.

Bailtean deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Statoids
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Cenus of Britain 1841
  6. Peakbagger
  7. Irish Times
  8. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann