Contae Lú
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Laighean
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 823 km²
Àireamh-shluaigh 111,979 ()
Dlùths 136.06/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Lú[1] (Laideann: Comitatus Ludensis). Tha e suidhichte ann an àirde an ear na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 122,897 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 823km²,[2] an siorramachd as lugha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 19mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Lú le Ard Mhacha, An Dún, an Mhí agus Muineachán.[3] Bha 111,979 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[4] 'S e Sliabh Feá (589m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[5] Chaidh Contae Lú a chruthachadh ann an 1233.[6]

Sgìrean Ionadail deasaich

Tha sia baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Lú: Baile Átha Fhirdhia, Droichead Átha, Dún Dealgan Íochtarach, Dún Dealgan Uachtarach, Fir Arda agus Lú fhèin. A bharrachd air sin, tha 63 parraistean[7] (anns an sgìreachd-easpaig Ard Mhacha)[8] agus 676 bailtean fearainn sa chontae.

Bailtean deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Statoids
  3. Scoil Cronáin Naofa
  4. Cenus of Britain 1841
  5. Peakbagger
  6. Irish FactsTeamplaid:Fix/category[dead link]
  7. Irish Times
  8. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann