’S e Comunn Gàidhlig Thoronto an comunn Gàidhealach ann am baile Toronto ann an Canada. Chaidh a chur air chois ann an 1880 agus chaidh a stéidheachadh gu foirmeil leis an riaghaltas ann an 1887. Am prìomh amas a bh’ aige an toiseach b’ e sochair a thoirt do in-imircich bho Ghàidhealtachd na h-Albann, ach bha e cuideachd a’ toirt taic don chànan agus don chultar. Thar nam bliadhnaichean, mar a bha an riaghaltas fhéin a’ gabhail cùram air sochairean, mar a bha tuill nan in-imirceach a’ tiormachadh, lughdaich e agus thionndaich e barrachd dhan chultar agus céilidhean. Ach mar am ballrachd a’ fàs nas aosta, dh’ fhàs e lag agus cha mhór nach do bhàsaich e aig deireadh nan 1980an. Thàinig ath-bheòthachadh sunndach bhon bhliadhna 2012, ge-tà, ga bhrosnachadh le luchd-ionnsachaidh òg a bha dìleas don chànan.

Ceanglaichean a-mach deasaich