Coirce a' Mhadadh-Ruaidh
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Plantae
Clas Liliopsida
Òrdugh Poales
Teaghlach Poaceae
Gèineas Arrhenatherum
Spèiseas A. elatius
Ainm saidheansail
Arrhenatherum elatius (L.) P.Beauv. ex J.Presl & C.Presl, 1819

'S e lus fiadhain a tha ann an coirce a' mhadadh-ruaidh no corc a' mhadadh-ruaidh air a bheil coltas coirce fiadhain. Chan eil ach glè bheag de ghràinneachan anns a' chochall aige, ged is ann a tha iad gu math coltach ri càth choirce. Mar sin dheth, tha an t-ainm seo ag innse gu bheil coltas mealltach no breugach air.[1]

Dh'aithnichear mar ainm eile e, agus 's e sin feur-coirce brèige (Arrhenatherum elatius).

Iomraidhean deasaich

  1. Abairtean is Faclan Gàidhlig à Uibhist a Deas agus EirisgeighTeamplaid:Fix/category[dead link]; foillsichte le DIAS
 
Feur-coirce brèige san Eilean Sgitheanach

.