Tha an t-Ollamh Coinneach MacFhionghuin (Beurla: Prof. Ken MacKinnon) (1933-2021) aithnichte mar an neach a thòisich sòiseo-chànanachas na Gàidhlig san 20mh Linn. Rugadh e sna Docklands ann an Lunnainn ach bhuineadh a phàrantan a dh'Eilean Arainn[1]. Chaochaill e sa Chéitean 2021.

Coinneach MacFhionghuin
mèar

1965 -
Beatha
Breith London Docklands (en) Translate, 26 dhen Lùnastal 1933
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte
Bàs 21 dhen Chèitean 2021
Foghlam
Foghlam Sgoil na h-Eaconamachd Lunnainn eaconomachd, eòlas-comainn
Social Science Research Council (en) Translate
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd cànanaiche, sòiseo-eòlaiche agus eachdraiche
Fastaichean University of Hertfordshire (en) Translate
An t-Oilthigh Fosgailte
Oilthigh Obar Dheathain
Ballrachd Bòrd na Gàidhlig

Beatha is dreuchd ann an Sasainn deasaich

Bha am Blitz a' dol ann an Lunnainn nuair a bha e na bhalach beag agus chaidh a chur dhan Chòrn a chum a thèarainteachd fhèin ach 's ann an Southend-on-Sea a rinn e dachaigh an uairsin far an robh e ag obair ann an roinn planadh na comhairle suas gu ìre ceannaird.[1] Rinn e ceum dùbailte ann an sòiseo-eòlas agus econamachd aig London School of Economics agus rinn e seirbheis nàiseanta sa Ghearmailt an Iar an uairsin.[1] Bha e ris an teagasg as dèidh dha tilleadh às a' Ghearmailt, mar cheannard roinne aig London College of Technology agus mar seann-òraidiche aig Hatfield Polytechnic am measg dreuchdan eile.[1]

Alba ’s a’ Ghàidhlig deasaich

Cha robh Gàidhlig aige on ghlùin ach theagasg e Gàidhlig dha fhèin nuair a ghabh e ùidh innte.[1]

Rinn e ceum eile, ceum maighstir, agus fhuair e caidreachas o Comhairle Rannsachadh nan Saidheansan Sòisealta an uairsin is ghabh e cothrom air 's e a' rannsachadh suidheachadh sòisealta na Gàidhlig sna Hearadh eadar 1972 is 1974.[1] Bha e an sàs cànanachas agus planadh na Gàidhlig on àm sin.

Bha e na bhall ann am MAGOG eadar 2002 agus 2004, buidheann a thug seachad comhairle mun Ghàidhlig do mhinistearan na h-Alba agus fhuair e ballrachd Bòrd na Gàidhlig ann an 2004.[2] Bha e na bhall air bòrd MG Alba cuideachd, a-mach on bhliadhna 2008.[2]

Bha dreuchdan eile aige cuideachd eadar Oilthigh Obar Dheathain agus Oilthigh Hertfordshire agus bha e na òraidiche aig an Oilthigh Fhosgailte ann an saidheansan sòisealta, foghlam is cànan a bharrachd air sin.[3]

Beatha phearsanta deasaich

Bha e pòsta agus tha dithis duine cloinne aige. Bha ùidh aige ann am poileataigs ionadail mar Libearalach[1]. Chaidh e a dh’ fhuireach san Eilean Dubh an Taobh an Ear Rois.

Foillseachaidhean deasaich

Dh'fhoillsich Coinneach iomadh pàipear is leabhar a-mach o na 1970an, air a' Ghàidhlig ann an Alba 's ann an Alba Nuadh, mion-chànan is sluagh-eòlais, a' gabhail a-steach:[2]

  • (1974) The Lions Tongue
  • (1991) Gaelic A Past & Future Prospect
  • 2007. 'Migration, Family and Education in Gaelic Policy Perspective' ann an Scottish Language 26: 52-60.

Tùsan deasaich

  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 1.5 1.6 MacKinnon, Kenneth The Lion's Tongue (1974) Club Leabhar Ltd SBN 902706-29-2
  2. 2.0 2.1 2.2 http://www.scotland.gov.uk/News/Releases/2011/02/22122510 The Scottish Government - Bòrd na Gàidhlig
  3. https://web.archive.org/web/20110904041621/http://www.gaidhlig.org.uk/ga/am-bord/buill.html Bòrd na Gàidhlig - Buill a' Bhùird

Ceanglaichean a-mach deasaich


Luchd-cànanachais na Gàidhlig
 
Tim ArmstrongMichael BauerCarl BorgstrømAnndra Mac a' CheàrnaighRichard CoxHenry DieckhoffNancy Dorian
Seumas GranndNils HolmerWill LambCoinneach MacFhionghuinAlasdair MacGilleBhàinGòrdon MacGilleFhinnein
Magne OftedalRoibeard Ó MaolalaighMáirtín Ó MurchúTomás Ó RathaileElmar TernesRoy Wentworth