Coatbridge

baile ann an Siorrachd Lannraig a Tuath
Coatbridge

Suidheachadh
Coatbridge is located in Alba
Coatbridge
Coatbridge (Alba)
Dùthaich Alba
Co-chomharran 55° 51′ 40″ T
4° 2′ 48″ I
Comharradh-clèithe NS719650
Feartan fiosaigeach

'S e baile ann an Alba mheadhanach a tha ann an Coatbridge. Tha e ann an Siorrachd Lannraig a Tuath.

'S ann anns an 19mh linn a thoisich eachdraidh nuadh Choatbridge. Dh'fhosgail Rèile Bad nam Manach is Cair Ceann Tulaich ann an 1826 agus b' e "Crewe Tuathach" far-ainm air a' bhaile.[1] Thàinig mòran duine à Èirinn airson obrach anns na obraichean-iarainn agus a-rèir a' chunntais-shluaigh ann an 1851 rugadh 35.2% de dhaoine Choatbridge ann an Èirinn, an aghaidh 7.2% ann an Alba air fad.[2] Ann an 2001 bha 41,170 duine a' fuireach an seo.[3]

Tha taigh-tasgaidh gnìomhachail aig an seann obair-iarainn Summerlee a dhùin ann an 1926.[4]

Ainm deasaich

'S ann ann an 1755 a tha Coatbridge a' nochdadh air a' mhapa Roy mar Cottbrig agus a-rèir Drummond tha an t-ainm a' dol bho oighreachd air an robh Coats no Colts.[5] Cha robh gnothach sam bith ri còtaichean! Mar sin tha Rèile na h-Alba a' cleachdadh "Coatbridge Meadhain" mar ainm Gàidhlig air an stèisean-rèile.[6]

Daoine ainmeil deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. RAILWAY BRIDGE OVER COATBRIDGE CROSS”. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 22mh dhen Fhaoilleach 2023.
  2. Migration: Ireland to North Lanarkshire”. CultureNL.
  3. Scotland's Census Result OnLine
  4. Summerlee - The Museum of Scottish Industrial Life”. Visit Lanarkshire. Air a thogail 22mh dhen Fhaoilleach 2023.
  5. Drummond, Peter (2014): An analysis of toponyms and toponymic patterns in eight parishes of the upper Kelvin basin (tràchdas PhD). Oilthigh Ghlaschu, td. 392–394. 
  6. Coatbridge”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 22mh dhen Fhaoilleach 2023.