'S e sgìre air a' Ghàidhealtachd an iar a th' ann an Cnòideart, a tha suidhichte eadar Linne Shlèite, Loch Nibheis agus Loch Shubhairne. Ann an 2001 bha 98 duine[1] a' fuireach ann agus 's e Inbhir Aoidhe am baile as motha ann. Chan fhaighear ann ach le bàta no air cois. Ann an Inbhir Aoidhe tha taigh-òsta a tha ainmeil mar an taigh-òsta as iomallaiche air tìr-mòr Bhreatainn, agus 's e The Old Forge[2] an t-ainm a th' air. A bharrachd air sin tha cafaidh, bùth, oifis a' phuist agus oifis fiosrachaidh ann. Tha an sgìre ann an ceann a tuath Chnòideart aithnichte mar na Garbh Chrìochan.

Cnòideart
leth-eilean
DùthaichRìoghachd Aonaichte Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailComhairle na Gàidhealtachd Deasaich
Siorrachd eachdraidheilSiorrachd Inbhir Nis Deasaich
LàrachLoch Abar Deasaich
Domhan-leud is -fhad57°4′12″N 5°39′36″W Deasaich
Map

'S e sgìre nàiseanta de bhòidhchead shònraichte[3] a th' ann an Cnòideart, agus tha e tarraingeach do luchd-coiseachd air sgàth 's gu bheil e glè iomallach agus gu bheil Beanntan Rothaich leithid Ladhar Bheinn, Luinne Bheinn, Meall Buidhe agus Sgùrr na Cìche an sin. A bharrachd air sin tha e tarraingeach do sheòladairean agus daoine aig a bheil ùidh ann an nàdar agus fiadh-bheatha.

Eachdraidh deasaich

Ri linn an dàrna Chogaidh bha an oighreachd aig Lord Brocket is e a' cur taic ris na Nàsaich. Ann an 1948 dh'fheuch Seachdnar Chnòideart 65 acair a chur ann an grèim ach bhuannaich Brocket cùis laghail an aghaidh. Cheannaich Philip Rhodes à Surrey ann an 1985 is reic e oighreachd de 16,500 gu companaidh diut, Titaghur, a bha aig Reg Brealey. Ann an suidheachaidhean amharasach chaidh an oighreachd gu Stephen Hinchliffe a bha na stiùiriche aig C. B. Sheffield United còmhla ri Brealey.[4]

Ach a-nise 's ann leis an Knoydart Foundation a tha an oighreachd de 17,500 acair (71 km²), agus 's e co-obrachadh eadar muinntir an àite, Comhairle na Gàidhealtachd, Urras Iain Muir, Urras Chris Brasher agus Oighreachd Cille Còmhain a th' ann gus leasachaidhean seasmhach a dhèanamh gu math na coimhearsnachd agus na h-àrainneachd.

Daoine ainmeil deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Cunntas sluaigh 2001
  2. The Old Forge
  3. Dualchas Nàdair na h-Alba
  4. Knoydart Estate”. Hansard. Pàrlamaid Westminster. Air a thogail 28mh dhen Lùnasdal 2023.

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: