Clachan Ghlinn Lus

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Seann Lus[1]
Co-chomharran 54° 52′ 00″ Tuath
04° 49′ 60″ Iar
Comharradh-clèithe NX 197 573
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01581
Còd-puist DG8[2]

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Reichit, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Clachan Ghlinn Lus[3] neo Baile na Cloiche (Beurla/Beurla Ghallta: Glenluce). Tha e suidhichte aig 23m os cionn ìre na mara,[4] ri taobh na h-Aibhne Luis, far a shruthas e gu màthair-uisge na Linne Shalmhaigh, aig ceann a' Bhàigh Luis, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar An t-Sròn Reamhar agus Cill Chomhghain. Tha e 304km air falbh bho Obar Dheathain, 115km bho Ghlaschu, 80km bho Dhùn Phris agus 157km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Clachan Ghlinn Lus. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[5] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[6]

Freumhan an Ainm deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à baile agus clach anns a' Ghàidhlig fhèin a bh' ann seann ainm a' bhaile. Bheireadh sin Baile na Cloiche dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.[7] A dh’ aindeoin sin, tha cuid dhen bheachd gur ann à lùb a th’ann an t-ainm ùr, a bheireadh Gleann an Lùib dhuinn, ged a tha gleann agus ainm na h-aibhne mòran nas coltaiche.[8] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[9]

Eachdraidh deasaich

Tha tobhta Abaid Ghlinn Lus faisg air a' bhaile. Chaidh an abaid a thogail timcheall air 1190. Ann an 1763 chaidh rathad a chruthachadh leis an arm eadar Port Phàdraig agus Cathair Luail, a dheidheadh tro Chlachan Ghlinn Lus.[10] Bhathar ag iarraidh an rathad seo a chleachdadh airson Èirinn a cholonachadh. Chaidh an eaglais a chithear an-diugh a thogail ann an 1814 agus chaidh seansail a chur rithe ann an 1968.[11]

Poileataigs deasaich

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Seann Lus a bhuineas Clachan Ghlinn Lus, a ghabhas a-steach Achadh na Meilge, Barblae agus Dùn Reichit cuideachd. Tha dìreach 1,315 duine a' fuireach san sgìre air fad.[12] Tha 15 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[13]

Gnàth-shìde deasaich

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.4 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1142mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Clachan Ghlinn Lus. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann an Clachan Ghlinn Lus.[14] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 62mm eadar an Cèitean (dìreach 64mm) agus an Dàmhair (126mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.6 °C.

 

Còmhdhail deasaich

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 430 An t-Sròn Reamhar - Baile Ùr Ghlinn Lus - Clachan Ghlinn Lus
  • 430 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Clachan Ghlinn Lus - An t-Sròn Reamhar.[15]

Iomraidhean deasaich

  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Dictionary Detail - Clachan Ghlinn Lus”. Am Faclair Beag. Air a thogail 26mh dhen Fhaoilleach 2019.
  4. Mongabay
  5. Glenluce Primary School”. Comhairle Dhùn Phris agus Ghall-Ghàidhealaibh. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
  6. Stranraer Academy
  7. Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
  8. The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  9. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  10. Old Roads of Scotland
  11. Scotland's Churches
  12. A' Chomhairle
  13. Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  14. Climate Data
  15. Còmhdhail na Comhairle

Ceanglaichean a-mach deasaich