Cisneros (Antioquia)
Cisneros
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Antioquia | ||||
Àirde | 1050m | ||||
Co-chomharran | 06 32' 18' Tuath 75° 05' 19' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 46 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 9,682 (2005) | ||||
Dlùths | 210.48/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
‘S e baile meadhanach agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) ann an Antioquia, Coloimbia,[1] a th’ ann an Cisneros. Tha e suidhichte aig 1,050m os cionn ìre na mara agus 88km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne, eadar Santo Domingo agus Yolombó. Tha teodhachd meadhanach dhe 30˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1910 le companaidh rèile.
Sluagh a' bhaile deasaich
Tha 9,682 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 7,804 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid neo mòran nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns nam bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cisneros, ach tha 1.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 89.7% dhe na daoine ann an Cisneros leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 55.5% nan dachaigh.[5]
Fèisean deasaich
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Cisneros. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Clachain deasaich
- Las Cruces
- El Paraiso
- El Pedrero
- Sabanalarga
- Santana