Cille Chonaill

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 23′ 13″ Tuath
04° 00′ 2″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 2,074 (2001)
Àireamh fòn 01290
Duilleag oifigeil Duilleag na Sgìre

‘S e baile beag dùthchasail faisg air na crìochan le Àir an Ear, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Cille Chonaill. Tha e suidhichte aig 159m os cionn ìre na mara,[1] ann an ceann a tuath Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Cumnag agus An t-Seann Chathair, ri taobh na h-aibhne Nid.[2] Tha e 227km air falbh bho Obar Dheathain, 52km bho Ghlaschu, 45km bhon Dùn Phrìs agus 80km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cille Chonaill agus tha 2,074 duine a' fuireach an seo.[4] Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas. Taobh fhoghlaim, chan eil bun-sgoil anns a' bhaile fhèin is feumar a dhol dhan bun-sgoil ann an Kelloholm,[5] a tha dìreach ri taobh Chille Chonaill agus tha àrd-sgoil ann san t-Seann Chathair.

Freumhan an Ainm deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann às a' Ghàidhlig fhèin a th' ann ainm a' bhaile.[6] neo Dercongal[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[8] B' e naomh à dh'Èirinn a bh' ann Congall (Laideann: Convallus) agus tha Doire Chonaill ainmeachadh an a dhèidh cuideachd.

Eachdraidh deasaich

Tha beul-aithris na sgìre ag innse dhuinn gun d'fhuair an t-àite ainm mar chuimhne air Conal, mac bhuachaille a bha na shagart fon Naomh Mungo san 6mh Linn o chionn 's gur e esan a thog a' chiad eaglais an seo.[9] Bha an eaglais bhàn fad leth chiad bhliadhna an dèidh trioblaidean ri linn An Ath-Leasachaidh agus gu seachd àraidh air sàilleabh an Achd Fianais, ann an 1681. Mu dheireadh thall chaidh eaglais ùr a thogail ann an 1729 ann an ìochdar a' ghlinne, le cead bho dhiùc Queensberry.[10] Thog an Glasgow and South Western Railway Company loidhne-rèile an seo ann an 1850,[11] a cheangladh Glaschu, Cille Mheàrnaig, Dùn Phrìs agus Cathair Luail. Leis an rèile thoisich gnothach làidir am mèinn sa bhaile agus dh'fhosgail Gateside ann an 1850, Bankhead ann an 1857 agus Fauldhead an ceann 40 bliadhna, a bharrachd air Drambuie, a tha ann ro làimhe. Bha an gual seo gu math freagarrach do trèanaichean. Dh'fhàs am baile agus fiù 's thogadh taighean ùra ann an Kelloholm ann an 1919.[12] Dhùnadh am mèinn mu dheireadh ann an 1968. A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 85 duine à Cille Chonaill bàs sa Chogadh Mòr[13] agus seachd duine deug eile san Dàrna Cogadh.

Daoine Ainmeil deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Elevation Map
  2. Britain from Above
  3. Distance Calculator
  4. SCROL
  5. A' ChomhairleTeamplaid:Fix/category[dead link]
  6. Etymological Geography: Being a Classified List of Terms of Most Frequent Occurrence, T. A. Gibson, Dùn Èideann, 1835
  7. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  8. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  9. Kirconnel
  10. Scottish Places
  11. Archives HubTeamplaid:Fix/category[dead link]
  12. Future Museum
  13. Scottish War Memorials Project