'S e baile ann an Comhairle Shiorrachd Àir a Tuath a tha ann an Cille Bhrìghde an Iar (Beurla: West Kilbride).[1][2] Tha am baile suidhichte air còrsa an iar Alba faisg air Linne Chluaidh. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 41′ 48″ Tuath agus 4° 51′ 27″ Iar.

Cille Bhrìghde an Iar, meadhan a' bhaile
Hunterston Castle
Law Castle faisg air Cille Bhrìghde an Iar

Còmhla ri Seamill agus Portencross bha 4,393 duine a' fuireach an seo ann an 2001.[3]

Tha Arainn le Gaoda Bheinn ri fhaicinn bhon an seo.

Tha ceithir caistealan timcheall air Cille Bhrìghde an Iar:

  • Law Castle, a chaidh a thogail anns an 15mh linn airson Màiri, piuthar Sheumais III. Tha e suidhichte aig cois Law Hill.
  • Portencross Castle, a chaidh a thogail anns an 14mh linn. Tha e dìreach ri taobh na mara aig port-mara Port na Coise.
  • Hunterston Castle, anns an fhearann Hunterston.
  • Crosbie Castle (cuideachd Crosbie Towers) air àird an iar-thuath Cille Bhrìghde an Iar. B’ e Crosbie Castle an dachaigh aig Sir Ranald Craufurd (a bha ceangailte leis an teaghlach Uilleam Uallas) anns an 13mh linn, canar gun do chuir Uallas uine seachad ann an Crosbie.[4] Chaidh an caisteal a thogail a-rithist air sgàth 's gun robh pàirt dhen tùr tùsail ga leagail sìos anns an 17mh linn.

Iomraidhean deasaich

  1. West Kilbride/Cille Bhrìghde an Iar”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2018.
  2. Stòr-dàta SMO
  3. Scotland's Census Result OnLineTeamplaid:Fix/category[dead link]
  4. Lamb, Rev. John, BD (1896). Annals of an Ayrshire Parish - West Kilbride, duilleag 94. Glaschu: John J. Rae.

Ceanglaichean a-mach deasaich

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS2042848492