Cille Bhrìghde (Siorrachd Dhùn Phrìs)

Cille Bhrìghde

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 01′ 19″ Tuath
03° 16′ 37″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01461
Duilleag oifigeil Cille Bhrìghde aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Inbhir Anainn,[1] air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Cille Bhrìghde neo Eaglais Bhrìghde (Beurla: Brydekirk). Tha e suidhichte aig 23m os cionn ìre na mara,[2] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar an Eaglais Fheichin agus Cathair Ruairidh, ri taobh na h-aibhne Anainn.[3] Tha e 247km air falbh bho Obar Dheathain, 109km bho Ghlaschu, 112km bhon An t-Sròn Reamhar agus 104km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cille Bhrìghde. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas. A bharrachd air sin, tha taigh-seinnse[5] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann,[6] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Inbhir Anainn.

Eachdraidh deasaich

Thogadh eaglais do Naomh Brìghde san 12mh Linn ri taobh na h-aibhne agus tè air a' chladh, a tha nan tobhtaichean nar làithean. Aig toiseach tòisichidh an 19mh Linne bheachdaich an Còirnealair Alasdair Dirom à Banbh gun leasachadh e an t-àite taobh ghnìomhachas leis gu robh e faisg air an abhainn,[7] ach dh'fhàillig an sgeama aige, ged an do deach eaglais a' bhaile a thogail ann an 1835 le taic airgid bhon theaghlach Dirom, is iad a' fuireach faisg air làimhe ann am Mount Annan.[8] A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair ochd duine thar fhichead à Cille Bhrìghde bàs sa Chogadh Mòr[9] agus sianar eile san Dàrna Cogadh.

Daoine Ainmeil deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Scottish Places
  2. Elevation Map
  3. SEPA
  4. Distance Calculator
  5. Beer in the Evening
  6. Annan
  7. Dumfriesshire Companion
  8. The new statistical account of Scotland, Dreach 18, Dùn Èideann, 1838
  9. Scottish War Memorials Project