Co-chomharran: 51°35′55″N 4°56′13″W / 51.5987°N 4.93685°W / 51.5987; -4.93685

'S e seipeal a tha ann an Cill Naomh Ghobhainn (Cuimris: Eglwys Sant Gofana; Beurla: St. Govan's Chapel). Tha i suidhichte mu dhà mhìle san àirde a deas air Bosherston ann an Sir Benfro ann an iar-dheas na Cuimrigh.

Cill Naomh Ghobhainn
Eglwys Sant Gofan
Eglwys Sant Gofan
Cill Naomh Ghobhainn
Cill Naomh Ghobhainn, Sir Benfro

Chaidh a thogail ann an creag agus tha an togalach cho mòr ri 20 x 12 troigh (6.1 m × 3.7 m). Tha dìreach aon seòmar ann. [1] Tha na ballachan à clach-aoil. Chaidh a' chuid a bu mhotha den chill a thogail anns an 13mh linn, ged a tha pàirtean ann a tha nas sine na sin, is dòcha às an 6mh linn, nuair a bha Naomh Gobhainn, a bha na mhanach a' fuireach ann an uamh ri taobh an t-seipeil. A rèir beul-aithris tha Naomh Gobhainn tìodhlaichte fo altair na cille, a bhios ann an taobh an ear an togalaich.[2]

Tha an doras ann an taobh a tuath agus tha beingean à clachan suidhichte aig na ballaichean ann an taobh tuath is taobh a deas an t-seipeil. [3] Tha coltas ann gun deach am mullach à sglèata a chur air anns na h-amannan ùra an taca ris a' chorr dhen togalaich.[3]

Tha staidhre ann le 52 ceum bho cheann na creige chun na cille.[4] Ach a rèir beul-aithris gheibhear àireamh eadar-dhealaichte nam biteadh a' dol sìos neo a' dol suas.[5]

Anns an 2 an Lùnastal 1996 chaidh an togalach a chur ri liosta nan togalaichean le ìre Grade I. Tha e saor an-asgaidh thadhail air a' chill. Ach an-diugh tha an togalach air roinn MOD's Castlemartin East Firing Range agus mar sin bidh amannan ann far nach bi e ceadaichte coimhead air.

Iomraidhean deasaich

  1. (1815): The Beauties of England and Wales, or, Delineations, topographical, historical, and descriptive, of each county, Volume 18, td. 805.  (Beurla)
  2. St Govan's Chapel”. (Beurla)
  3. 3.0 3.1 St Govan's Chapel”. Coflein. Royal Commission on the Ancient and Historical Monuments of Wales. (Beurla)
  4. (1925): An Inventory of the Ancient Monuments of Wales and Monmouthshire: VII - Country of Pembroke. His Majesty's Stationery Office, td. 21.  (Beurla)
  5. St. Govan's Head - Walk 6”. Pembrokeshire Coast National Park. (Beurla)