'S e baile ann an Comhairle Shruighlea a tha ann an Cill Eàrnain (Beurla: Killearn). [1] Tha am baile suidhichte mu 18 mìltean air àird a tuath Ghlaschu agus mu 9 mìltean air falbh bho Loch Laomainn. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 2′ 31.2″ Tuath agus 4° 22′ 4.8″ Iar.

Cill Eàrnain

Anns a' bhliadhna 2006 bha 1780 duine a' fuireach an seo.[2]

Daoine ainmeil deasaich

Rugadh Seòras Bochanan (15061582), daonnaire agus cànanaiche ainmeil, ann an Cill Eàrnain. Bha Gàidhlig is Beurla Ghallda bho thùs aige agus dh’ionnsaich e Fraingis, Laideann is Greugais gu ìre fileanta. Rinn e eadar-theangachaidhean bho Eabhra agus Spàinntis cuideachd.

Iomraidhean deasaich

  1. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 71, Pàrlamaid na h-Alba
  2. Mid-2004 Population Estimates for Settlements in Scotland

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: