Chiqinquirá
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Boyacá
Àirde 2556m
Co-chomharran 5° 37' 08 Tuath
73° 49' 12 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 133 km²
Àireamh-shluaigh 55,486 (2005)
Dlùths 417.19/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a' Bhaile

'S e baile meadhanach ann am Boyacá,[1] Coloimbia,[2] a th' ann an Chinquinquirá. Tha e suidhichte dìreach ann am meadhan na dùthcha aig 2,556m os cionn ìre na mara agus 120km air falbh bho Bhogotá. 'S e baile le gnàth-shìde caran fuar a th' ann an Chiquinquirá, agus tha teodhachd mheadhanach dhe 14.3˚ aige.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1810. Tha Chiquinchirá gu math ainmeil air feadh na dùthcha mar phrìomh-bhaile na h-Eaglaise.

Sluagh a' bhaile deasaich

Tha  47,498 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ged a tha 55,486 a’ fuireach ann air fad, a' gabhail a-steach nan clachan anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math àbhaisteach a th' ann an seo. Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Chiquinchirá, ach tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn do 96.9% nan daoine ann an Chiquinquirá leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 391% nan dachannan.[6]

Fèisean deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Chiquinchirá. Chithear fèilltean  caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7]  fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's tha beairteas cultarail na dùthcha.

  • Fèis na Neo-eisimeileachd:

Iomraidhean deasaich

  1. Mapa na Roinne
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. DataTeamplaid:Fix/category[dead link]
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Colombia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach deasaich

An t-sìde ann an Chiquinquirá