'S e nòs de chraobh na Nollaig a tha ann an chichilak'i (Cairtbheilis: ჩიჩილაკი, IPA:/tʃitʃlakʼi/, uaireannan chichilaki sa Bheurla) a gheibhear sa Chairtbheil, gu h-àraidh ann an taobh an iar na dùthcha. Tha e air a dhèanamh de gheug, mar is trice calltainn a thèid a shliseadh le sgian gu fìnealta gus am bi slisean cùrlach dhen fhiodh mar bhrat dheth. Tha a chrutha car coltach ri Craobh na Nollaig fhèin, triantanach, ach tha e geal mar am fiodh seach uaine. Bidh iad eadar 20cm agus grunn mheatairean a dh'àirde, le crois fhiodha chòmhnard aig bun is barr na craoibhe.

Chichilak'i
Chichilak'i sgeadaichte

Tha an chichilak'i a' riochdachadh craobh na beatha agus aiseal an t-saoghail agus thèid sgeadachadh a chrochadh air, dearcan, eidheann, uil'-ìoc agus aran naomh air a bheil boqeli[1]. A-rèir nòs na dùthcha, thèid an losgadh Là Fèill nan Rìgh.[2]

Ceanglaichean a-mach deasaich

Tùsan deasaich

  1. Berman, M. (2010): Georgia through its folk-tales. O-Books. ISBN 9781846942792. 
  2. Georgians rediscover Christmas tree traditions”, BBC. 21mh dhen Dùbhlachd 2011. Air a thogail 26mh dhen Chèitean 2018.