Campamento
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Sgìre Norte Antioqueño
Àirde 1700m
Co-chomharran 06° 58' 55' Tuath
75° 17' 59' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 200 km²
Àireamh-shluaigh 9,688 (2005)
Dlùths 48.44/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile beag ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a th' ann Campamento. Tha e suidhichte aig 1,700m os cionn ìre na mara agus 149m air falbh bho Mhedellín. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 24˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1827.

Eachdraidh deasaich

Thàinig na ciad thìrean gus an àite far a bheil Campamento ann an 1827, leis an t-Sagart José Antonio Palacios Izaza os an cionn.[3] An ceann ochd bliadhna chaidh am baile a stèidheachadh gu h-oifigeil leis a’ Cheann-suidhe Juan de Dios Aranzazu (17981845), nuair a bha e fhathast na Riaghladair ann an Antioquia. A bharrachd air Campamento, stèidhich esan 5 bailtean eile ann an Antioquia: Liborina, Ebéjico, Entrerríos, Girardota agus Cocorná.[4] A tuilleadh air sin, thug e fearann mar thabhartas airson am baile Aranzazu ann an Caldas a stèidheachadh cuideachd.

Sluagh a' bhaile deasaich

Tha 9,688 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 7,238, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh uabhasach traidiseanta a th' ann.

Fèisean deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Campamento. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean deasaich

  1. Mapa oifigeil na roinneTeamplaid:Fix/category[dead link]
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Fiosrachadh a’ Chomhairle
  4. Leabharlann Luis Angel Arango
  5. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  6. Colombia Virtual
  7. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach deasaich

An t-sìde ann an Campamento