'S e beinn air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Càrn Eige, cuideachd Càrn Eighe. Tha e suidhichte ann an àite glè iomallach eadar Loch Mullardoch agus Gleann Afraig. Tha i 1,183m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha druim fada a' sìneadh bhon tuath dhan deas bho Loch Mullardoch gu Màm Sodhail, agus 's iad Càrn Eige agus Màm Sodhail an dà bheinn as àirde air taobh an iar a' Ghlinne Mhòir. Is coltach gun tig an t-ainm bho eag leis gu bheil an druim car eagach, air neo bho inneal croitearachd leis an ainm sin. Bhiodh sin a' ceangal leis an ath bheinn, Màm Sodhail (Sabhail)[1].

Càrn Eige

Càrn Eige bho Mhàm Sodhail
Àirde (m) 1,183
Àirde (tr) 3,881
Àirde rinneach (m) 1147
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Càrn Eige is located in Alba
Càrn Eige
Càrn Eige (Alba)
Suidheachadh Frìth Beinn Fhionnlaidh
Mapa cumadh-tìre Landranger 25
Explorer 414N
Comharradh-clèithe NH123261

'S e rud mòr a bhith a' streap na beinne seo leis gu bheil i ann an suidheachadh cho iomallach. Bithear uaireannan ga ceangal le Màm Sodhail, agus Beinn Fhionnlaidh no le Tom a' Chòinnich, Toll Easa agus Toll Creagach. Tha Càrn Eige a' ceangal an dà dhruim seo ri chèile, aon a' ruith bhon iar dhan ear agus aon bhon tuath dhan deas. Dh'fhaodadh tòiseachadh bho Ghleann Afraig[2] no bho thaobh Loch Mullardoch.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Loch Mullardoch, Gleann Canaich, Beanntan Cill Fhaolain agus Gleann Afraig.

Iomraidhean deasaich

  1. Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d. 12
  2. Beinn Fhionnlaidh, Càrn Eige agus Màm Sodhail air Walkhighlands