B’e blàr eadar na Cruithnich fo rìgh Bridei Mac Bili, agus Northumbria fo rìgh Ecgfrith a bha ann am Blàr Dhùn Neachdain. Chaidh a chur air 20 an Céitean 685. Bha buaidh mhór aig na Cruithnich agus chaidh Ecgfrith a mharbhadh.

Chan eilear cinnteach càite an cuireadh am blàr. Bhathar a’ smaoineachadh fad linntean gur dòcha gun robh e aig Dùn Neachdain (Dunnichen sa Bheurla) ann an Siorrachd Aonghais, ach a-nis thathar a’ smaoineachadh gu bheil e nas coltaiche gun deach a chur aig Dùn Neachdain eile (Dunachton sa Bheurla) faisg air Loch Innis agus Ceann na Creige ann am Bàideanach.