Bha Bhaltair Cinneide (Walter Kennedy) (ca. 1455 – c.1508) ’na bhàrd. Rinn e bàrdachd san Beurla Ghallda, ach tha e cha mhór cinnte gun do rinn e bàrdachd Ghàidhlig cuideachd.

Bhaltair Cinneide
Beatha
Breith 1455
Dùthaich  Rìoghachd na h-Alba
Bàs 1518
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu 1476)
Cànain Middle Scots (en) Translate
Meadhan-Bheurla
Dreuchd
Dreuchd bàrd agus sgrìobhadair
Obraichean comharraichte The Passioun of Crist (en) Translate
Gnè ealain bàrdachd

Bhuin e do na Ceannadaich, teaghlach uachdaranach ann an Dùn Iubhair, Siorrachd Àir, a bha ’na phàirt den Ghàidhealtachd làidir Gall-Ghàidhealach aig an àm. Tha e cha mhór cinnte gur i a’ Ghàidhlig a chànan dùthchais. Fhuair e ceum bho Oilthigh Ghlaschu ann an 1476, agus an uair sin MA ann an 1478.

Sgrìobh e The Flyting of Dumbar and Kennedie còmhla ri William Dunbar.

Buaidh deasaich

Anns an 20mh Linn, chuir am bàrd Uilleam Nèill ùidh anns na freumhan aig Bhaltair Cinneide ann an ceann a deas Siorrachd Air agus anns a’ bhuaidh gur dòcha a bh’ aige mar neach labhairt na Gàidhlig ann an cùirt rìgh Albann, agus rinn e a mholadh anns na h-obraichean aige fhéin. Aon eisimpleir de sin, ’s e an dàn Chuma Bhaltair Cinneide [1] a tha a’ tòiseachadh:

Chunnaic mi Bhaltair Cinneide
a' coiseachd troimh clach mo shùl
fo sgàil a' Chaisteal Dhuibh,
aig àm laighe ne grèine
is grinneal fo chois
air tràigh liath Dhùn Iubhair...

Iomraidhean deasaich

  1. William Neill: Selected Poems 1969-1992, Canongate, pp.80-81