Baile Gheàrr Lios

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Soirbidh[1]
Co-chomharran 54° 46′ 60″ Tuath
04° 22′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01988
Còd-puist DG8[2]

‘S e baile beag dùthchasail agus port faisg air Soirbidh, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Baile Gheàrr Lios (Beurla/Beurla Ghallta: Garlieston).[3] Tha e suidhichte shìos air a' chladaich aig ìre na mara,[4] air Leth-eilean na Machrach, far a shruthas an Allt Cill Fhilleinn gu màthair-uisge na Linne Shalmhaigh aig Bàgh na Geàrr Lios, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar [[Whithorn] agus Blaidneach. Tha e 299km air falbh bho Obar Dheathain, 120km bho Ghlaschu, 58km bho Dhùn Phris agus 150km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Baile Gheàrr Lios. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[5] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[6]

Freumhan an Ainm deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Garbh/Gèarr agus lios anns a' Ghàidhlig fhèin agus ton (baile) sa Bheurla a th' ann an ainm a' bhaile. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[7] Tha ainmean-àite measgaichte mar sin gu math pailt ann an Alba.

Eachdraidh deasaich

B' e am baile a bu bheairtiche na Machrach a bh' ann fad an 18mh linn, nuair a bha an sgìre ann an teis-mheadhain mhalairt. Thòisicheadh leasachadh a' bhaile anns na 1760an nuair a thogadh iomadh taigh spaideal.[8] Chaidh am port agus an cidhe a leasachadh ann an 1815, a' cleachdadh prìosanaich às An Fhraing mar luchd-obrach. Ràinig an Rèile dhan bhaile ann an 1876, a thug piseach mòr air malairt san sgìre.[9] Chaidh an eaglais a chithear an-diugh a thogail ann an 1876 cuideachd. B' e D. Thomson an ailtire.[10]

Poileataigs deasaich

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Bhaile Gheàrr Lios fhèin a bhuineas Baile Gheàrr Lios, a ghabhas a-steach an sgìre mu timcheall a' bhaile. Tha dìreach 415 duine a' fuireach san sgìre air fad.[11] Tha 12 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla Stuaim, ann am Baile Gheàrr Lios. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[12]

Gnàth-shìde deasaich

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.6 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1059mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich]'s a tha Baile Gheàrr Lios. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S ann gu math stoirmeil 's a tha e agus bidh gailleannan ann fad na bliadhna. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann an Baile Gheàrr Lios.[13] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 56mm eadar an t-Ògmhios (dìreach 61mm) agus an Dàmhair (120mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.7 °C.

 

Daoine Ainmeil deasaich

Còmhdhail deasaich

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Whithorn - An t-Sròn Reamhar.
  • 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.[14]

Iomraidhean deasaich

  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Baile Gheàrr Lios”. Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
  4. Falling Rain
  5. A' Chomhairle
  6. Douglas Ewart High School”. Douglas Ewart High School. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
  7. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  8. Indefatigable
  9. David L Smith, Tales of the Glasgow and South Western Railway, Ian Allan Limited, Lunnainn
  10. Scotland's Churches
  11. A' Chomhairle
  12. Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  13. Climate Data
  14. Còmhdhail na Comhairle