Bad Urach
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Reutlingen
Sgìre Baden-Württemberg
Co-chomharran 48° 30' Tuath
09° 24' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 55.50 km²
Àireamh-shluaigh 11,862 (2013)
Dlùths 213.73/km²
Àireamh fòn 07381 agus 07125
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile ann an ceann a deas na Gearmailte a th’ ann am Bad Urach. Tha e suidhichte aig 463m os cionn ìre na mara ri taobh na h-aibhne Elms, anns na Beanntan Jura, anns an stàit Baden-Württemberg, 530km air falbh bho Bherlin, 111km bho Augsburg, 45km bho Ulm agus 36km bho Stuttgart.[1] ‘S ann leis an sgìre Reutlingen a tha am baile agus tha 11,862[2] duine a' fuireach ann.

Eachdraidh deasaich

Thathar air fuighealan a lorg a sheallas gu robh daoine a' fuireach san àite seo ri Linn na Cloiche mar-thà. B' e treubhan Gearmailteach air an robh na h-Alamanii a thug seilbh air an àite ri linn nan Ròmanach ach chaidh caisteal a thogail an seo mu 1025, ris an canadh Hohenurach. Chaidh am baile a thoirt a-steach do Dhiùcachd Württemberg mu 1260.[3] Bha e na prìomh-bhaile na Dhiùcachd eadar 1442 agus 1482. Chaochail an sgrìobhadair Nikodemus Frischlin an seo ann an 1590.[4] Chaidh ainm a' bhaile-spatha seo atharrachadh bho Urach gu Bad Urach ann an 1983.

Bailtean co-cheangailte deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Luftlinie
  2. Statistik Baden-Württemberg
  3. Bad Urach Turismus
  4. Burgenwelt
  5. Partnerstadt Enying(Gearmailtis). Baile Bhad Urach. Air a thogail 14mh dhen t-Samhain 2020.

Ceanglaichean a-mach deasaich