Bàrr a' Ghrianain

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 02′ 60″ Tuath
04° 34′ 60″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01556
Duilleag oifigeil Duilleag na Coimhearsnachd

‘S e baile beag dùthchasail ann an ceann a tuath na Stiùbhartachd, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Bàrr a' Ghrianain (Beurla/Beurla Ghallda: Bargrennan). Tha e suidhichte aig 62m os cionn ìre na mara,[1] ann an Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), air an A714 eadar Inbhir Gharbhain agus Baile Ùr nan Stiùbhartach, aig Inbhir na h-Aibhnichean Crìoch agus Dubh.[2] Tha e 274km air falbh bho Obar Dheathain, 279km bho Ghlaschu, 49km bho Chille Chuithbeirt agus 133km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Bàrr a' Ghrianain. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air turasachd, àiteachas agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann, a thathar an dùil a dhùnadh,[4] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Dail Bheithe.[5]

Freumhan an Ainm deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à bàrr agus grianan anns a' Ghàidhlig tha an t-ainm[6] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[7] A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan teòiridh seo. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite bàrr- ann an ceann a deas na dùthcha.

Eachdraidh deasaich

Chaidh Bàrr a' Ghrianain a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1550 ach tha iomadh tobhta ann bho Linn an Iarainn.[8] Chaidh eaglais a thogail an seo ann an 1839 ach chaidh a dunadh ann an 2009.[9] A-rèir carragh-chuimhne san bhaile, fhuair 34 duine à Bàrr a' Ghrianain bàs sa Chogadh Mhòr[10] agus aon duine dheug eile san Dàrna Chogadh.

Poileataigs deasaich

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Gleann a' Chrìch a bhuineas Bàrr a' Ghrianain, a ghabhas a-steach Baile Ùr nan Stiùbhartach, Muine Gobha, Gleann an t-Sruthail, Poll an Iùbhair agus cuid mhòr dhen Phàirc-choille na Gall-Ghàidhealaibh cuideachd. Tha 4,730 duine a' fuireach san sgìre air fad.[11] Tha 21 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla MhicGilleMhaoil, ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.

Iomraidhean deasaich

  1. Falling Rain
  2. Galloway Fisheries Trust
  3. Luftlinie
  4. BBC
  5. Douglas Ewart High SchoolTeamplaid:Fix/category[dead link]
  6. The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
  7. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  8. NCLTeamplaid:Fix/category[dead link]
  9. Scottish Churches
  10. Scottish War Memorials Project
  11. A' Chomhairle

Ceanglaichean a-mach deasaich