B' e a' chiad shealbhadair Cathair na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu a bha ann an Aonghas MacMhathain (Beurla: Angus Matheson).

Aonghas MacMhathain
Beatha
Breith Na Hearadh, 1 dhen Iuchar 1912
Dùthaich  Alba
Bàs 2 dhen t-Samhain 1962
Teaghlach
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
Colaiste Oilthigh Bhaile Àtha Cliath
Oilthigh Dhùn Èideann 1934) eòlas Ceilteach
Oilthigh Bonn
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd òraidiche agus ollamh
Fastaichean Oilthigh Ghlaschu
Oilthigh Dhùn Èideann

Rugadh e anns na Hearadh agus thogadh e ann an Uibhist a Tuath. Cheumnaich e ann an Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1931 agus chaidh e na òraidiche agus ceannard na roinne Cheiltis aig Oilthigh Ghlaschu ann an 1938. Nuair a chaidh Cathair na Ceiltis a stèidheachadh chaidh e na ollamh. Chaochail e ann an 1962.[1]

Bha a bhràthair, Uilleam MacMhathain, na leughadair ann an Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann.[2]

Iomraidhean deasaich

  1. 20mh linn - Eachdraidh na Roinne - Sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu”. Oilthigh Ghlaschu. Air a thogail 15mh dhen t-Sultain 2017.
  2. William Matheson”. 2na dhen Dùbhlachd 1995. Air a thogail 15mh dhen t-Sultain 2017.