B' e ailtire Ath-bheòthach às An Spàinn a chuir seachad a bheatha ag obair ann an Jaén tron Aois an Òir a bh' ann an Andrés de Vandelvira/Vandaelvira/Valdelvira.[1] Rugadh e ann an Alcaraz ann an 1505 agus chaochail e ann an Jaén ann an 1575. Thug e buaidh uabhasach làidir air Ailtireachd an dà chuid anns an Spàinn fhèin agus air feadh na Roinn-Eòrpa, leis gu do sgrìobh a mhac Alonso leabhar air an robh Libro de cortes de piedra (Gàidhlig: Leabhar Gearradaireachd Cloiche), mu dheidhinn dòighean obrach athar, gu seachd-àraidh mar a làimhsicheadh e clach. Chithear a chuid obrach an latha an-diugh ann am Baeza, Jaén, Uclés, Úbeda agus Villacarrillo.

Andrés de Vandelvira
Beatha
Breith Alcaraz, 1509 (Gregorian)
Dùthaich Crùn na Castilla
Hispanic Monarchy
Ciad chànan Early Modern Spanish (en) Translate
Bàs Jaén, 1575
Àite-adhlacaidh Iglesia de San Ildefonso (en) Translate
Teaghlach
Clann
Foghlam
Cànain Castilian Spanish (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd ailtire agus snaidheadair
Obraichean comharraichte Iglesia del Salvador (en) Translate
Convent of Santo Domingo, La Guardia de Jaén (en) Translate
Hospital de Santiago (en) Translate
Iglesia de la Asunción de Nuestra Señora (Villacarrillo) (en) Translate
Gluasad Spanish Renaissance (en) Translate

Obraichean Cudromach deasaich

  • Taigh-cràbhaidh an Naoimh Dòmhnaige ann an Jaén
  • Ospadal an Naoimh Sheumais ann an Úbeda
  • Lùchairt a' Bhanntraich Ortega ann an Úbeda
  • Seipeal an t-Slànaighear ann an Úbeda
  • Cathair-eaglais an Àrdachaidh ann an Jaén
  • Eaglais Moire an Àrdachaidh ann am Villacarrillo

Iomraidhean deasaich

  1. José Camón Aznar, Arquitectura y orfebrería españolas del S. XVI, Espasa Calpe. OCLC 865261305