An t-Eilean Dubh
Suidheachadh
An t-Eilean Dubh is located in Alba
An t-Eilean Dubh
An t-Eilean Dubh (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Ros an Ear
Co-chomharran 57° 35′ 27″ T
4° 14′ 30″ I
Comharradh-clèithe NH660578
Feartan fiosaigeach

'S e leth-eilean ann an Rois an Ear a tha san Eilean Dubh (Beurla: the Black Isle), ear-thuath air a' Mhanachainn agus air a' Bhlàr Dhubh. Ged-tà, chan eil an t-Eilean Dubh dubh: 's e Eilean Dubhthaich an t-ainm slàn a bh' air, air an naomh Duthac. Chaidh sin a ghiorrachadh gu Eilean Dubh agus thàinig a' Bheurla Black Isle às a sin.[1] Bha ainmean eile roimhe sin air an roinn seo: An Àird Mheadhanach agus Eadar Dhà Dhàil.[1]

Suidheachadh deasaich

Tha an leth-eilean 20 km a dh'fhaid agus tha a' mhuir cha mhòr ga chuartachadh, Caolas Chrombaigh air an taobh a tuath, Linne Mhoireibh san ear-dheas agus Linne Fharair air an taobh a deas. Tha talamh 8 km a leud ga cheangal ris a' chuid eile de tìr-mór na h-Albann. Chan eil na crìochan seo eadar an leth-eilean is tìr-mòr na h-Alba san taobh an iar cho soilleir. San iar-thuath leanaidh a' chrìoch Abhainn Chonainn a tha a' ruith eadar Inbhir Pheofharain air tìr-mòr agus Drochaid Sguideil mar chiad bhaile den Eilean Dubh. San taobh an iar-dheas tha cuid den bheachd gur e leas-abhainn Abhainn nam Manach a tha a' sgaradh a' Mhanachainn air tìr-mòr agus am Blàr Dubh air an Eilean Dubh. Tha feadhainn eile a' coimhead air Abhainn nam Manach fèin mar chrìoch, agus mar sin a' gabhail a-steach a' Mhanachainn mar phàirt den Eilean Dubh cuideachd.[2]

Àitichean deasaich

Tha na bailtean a leanas air an Eilean Dubh: ann an taobh an ear tha am Blàr Dubh, an Todhar, Drochaid Sguideil agus a' Mhanachainn ann, ann an taobh an ear-dheas tha Poll Lochaidh, Abhach, Ros Maircnidh agus a' Chananaich faisg air a' chosta agus anns an iar aig ceann an leth-eilein tha Cromba ann.

Tha Camas Uadail air a chosta thuath 'na sgìre ghléidhteachas nàdair, agus tha eaglais eachdraidheil ann, Eaglais Chille Mhìcheil, a chaidh a chàireadh ann an 2017.

Eaconamaidh deasaich

 
Black Isle Brewery

B' àbhaist iasgachd a bhith na roinn eaconamaidh cudromach, gu h-àraidh sgadain agus gearra-sgadain. Tha coilltearachd agus tuathanasachd cumanta anns an Eilean Dubh. Bidh an fhèill-àiteachais "The Black Isle Show", ann gach bliadhna anns an Lùnasdal.[3] Tha roinn na turasachd na gnìomhachas cudromach cuideachd. Tha taigh-staile "Glen Ord" anns a' Bhlàr Dhubh a chaidh a stèidheachadh ann an 1838.[4] Gheibhear leann fàs-bheartach ionadail anns an taigh-grùide ''Black Isle Brewery Ltd.''.[5] Tha e san iar dheas air Poll Lochaidh faisg air Allangrange Mains.

Cànanan deasaich

Tha seann chlàraidhean a' sealltainn gun robh a' Ghàidhlig ga bruidhinn anns an roinn seo. Gheibhear eisimpleir bho Pharaiste Knockbain far an robh a' Ghàidhlig aig 171 neach a-mach à 1866 duine a bha a' fuireach an seo ann an 1881[6].

Bha dualchainnt sònraichte de dh'Albais ga bruidhinn air an Eilean Dubh cuideachd a bha cumanta a-measg nan iasgairean. Ged-tà, chaochail am fear mu dheireadh aig an robh an cànain, Bobby Hogg, anns an Dàmhair 2012 agus mar sin chaidh an cànain a bith. [7][8]

Iomraidhean deasaich

  1. 1.0 1.1 Mac an Tàilleir, Iain (2003): “Ainmean-Àite”, td. 19. Air a thogail 4mh dhen Ògmhios 2017.
  2. Mapa an Eilein Duibh(Beurla). Black Isle Info. Air a thogail 4mh dhen Ògmhios 2017.
  3. The Black Isle Show”. Air a thogail 4mh dhen Ògmhios 2017.
  4. Glen Ord Distillery”. Air a thogail 4mh dhen Ògmhios 2017.
  5. Black Isle Brewery”. Air a thogail 4mh dhen Ògmhios 2017.
  6. Beaton, Angus John (1885): “An Illustrated Guide to Fortrose and vicinity(Beurla), td. 28. Archaeology for Communities in the Highlands (ARCH) i. Air a thogail 3s dhen Ògmhios 2017.
  7. Satter, Raphael (4mh dhen Dàmhair 2012): “Scottish man dies, taking town’s unique dialect with him,” ann an: The Toronto Star. Air a thogail 4mh dhen Ògmhios 2017.
  8. Hamilton, Jamie (5mh dhen Dàmhair 2012): “Last native speaker of Scots dialect dies - CNN.com,” ann an: CNN. Air a thogail 4mh dhen Ògmhios 2017.

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: