Co-chomharran: 57°22′00″N 5°31′00″W / 57.366667°N 5.516667°W / 57.366667; -5.516667

'S e baile beag air a' Ghàidhealtachd a th' ann An Sròm Mòr. Tha e suidhichte air bruach an iar-thuath Loch Carrainn mu 3.5 mìle san iar-dheas air Tòrr nan Clàr. Gus na 1970an bha seirbhisean aiseig a' dol eadar a' bhaile seo agus Port an t-Sròim.

Sealladh bho Phort an t-Sròim air Stromemore
Suidheachadh
Suidheachadh
Stromemore
Suidheachadh Stromemore air a' Ghàidhealtachd

Tha tobhta caisteil ann, "Strome Castle" a chaidh a thogail ann an 1472.[1] Bha e aig Clann Dhòmhnaill Ghlinne Garadh gus an chaidh a sgrios le Clann MhicChoinnich Chinn Tàile ann an 1602.[2] An-diugh chan eil ach ballachan briste rim faicinn. Bho 1939 a-mach tha e fo chùram Urras Nàiseanta na h-Alba.

Iomraidhean deasaich

  1. Coimisean Rìoghail nan Làraichean Àrsaidh is Eachdraidheil an Alba
  2. Aiseag aig Port an t-Sròim”. Am Baile. Air a thogail 31.07. 2014.

Ceanglaichean a-mach deasaich

Dealbhan deasaich